1
I Thimoti 6:12
Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875
Cath deagh chath a chreidimh; dian greim air a bheatha shiorruidh, dhʼ ionnsuidh na ghairmeadh thu, ʼs na dhʼ aidicheadh leat deagh aideachadh an lathair moran fhianuisean.
Compare
Explore I Thimoti 6:12
2
I Thimoti 6:10
Oir se deidh air airgiod friamh a h-uile uilc; a sanntachadh so, chaidh cuid air seachran bho ʼn chreideamh, agus ribeadh iad ann an iomadh doruinn.
Explore I Thimoti 6:10
3
I Thimoti 6:6
Ach is buannachd mhor diadhachd maille ri toil-inntinn.
Explore I Thimoti 6:6
4
I Thimoti 6:7
Oir cha tug sinn dad leinn thun an t-saoghail so; agus is cinnteach nach toir sinn dad as.
Explore I Thimoti 6:7
5
I Thimoti 6:17
Orduich do dhaoine beairteach an t-saoghail so, gun iad a bhith ard-aigneach, no earbsa a chur á beartas neo-chinnteach, ach as an Dia bheo (a tha buileachadh oirnn gach ni gu pailt gus am mealtuinn)
Explore I Thimoti 6:17
6
I Thimoti 6:9
Oir tuitidh an fheadhainn, a tha ʼn geall air a bhith beairteach, am buaireadh, ʼs an ribe an deomhain, ʼs an iomadh miann gun mhath agus cronail, a tha cur dhaoine fodha gu sgrios ʼs gu diteadh.
Explore I Thimoti 6:9
7
I Thimoti 6:18-19
Math a dhianamh, a bhith beairteach an deagh oibrichean, deas gu toirt seachad, ʼs gu càch a chobhair, Maoin a chur suas dhaibh fhein, bun math mu choinneamh an ama ri tighinn, los gun dian iad greim air an fhior bheatha.
Explore I Thimoti 6:18-19
Home
Bible
Plans
Videos