I Thimoti 4
4
IV. CAIB.
Tha e ga chur air fhaicill an aghaidh nan eiriceach, ʼs ga bhrosnachadh gu diadhachd a leanail.
1A nis tha an Spiorad a g-innse gu soilleir, gum brist cuid a mach bho ʼn chreideamh anns na h-amannan deirionnach, a toirt feairt air spioraid na mearachd agus air teagasgan dheomhan,
2A labhairt bhriag ann an ceilg, ʼs aig a bheil an cogais mar loisgte le iaruinn teth,
3A bacail posadh, ʼsa g-orduchadh fuireach bho bhiadhan, a chruthaich Dia gus an gabhail le buidheachas leis na creidich, us leo-san dha ʼn aithne an fhirinn.
4Oir tha h-uile ni, a chruthaich Dia, math, ʼs cha n-eil ni ri sheachnadh a ghabhar le buidheachas:
5Oir tha e air a bheannachadh le facal De ʼs le urnaigh.
6Le cur nan nichean so air shuilean do na braithrean, bithidh tu ad dheagh fhear-muinntir Iosa Criosta, air tʼ àrach le briathran a chreidimh, ʼs leis an deagh theagasg a bhuannaich thu.
7Ach seachainn uirsgialan gorach sheann mhnathan: agus cleachd thu fhein ri diadhachd.
8Oir is beag am feum ann an saothair chorporra: ach tha crabhadh feumail air son a h-uile ni, agus tha gealladh aige air a bheatha tha nis ann, ʼs air a bheatha ri tighinn.
9Is facal firinneach so, a ʼs fhiach gu tur gabhail ris.
10Air son so ma ta tha sinn ri saothair, ʼs thathas ga ʼr càineadh, a chionn gum beil ar dochas anns an Dia bheo, Slanair dhaoine gu leir, ʼs nan creideach gu h-àraid.
11Aithn na nichean so, agus teagaisg iad.
12Na sealladh duine air bith sios air tʼ oige: ach bi ad shamplair do na creidich am facal, an comhradh, an carrantachd, an creideamh, an geamnachd.
13Gus an tig mise, thoirtʼ aire do leughadh, do chomhairleachadh, ʼs do theagasg.
14Na dian dearmad air na grasan a tha unnad, a thugadh dhut tromh fhaisneachd, maille ri leagadh lamhan na sagartachd.
15Cnuasaich na nichean so, leag tʼ uile inntinn orra, los gum bi do leas soilleir do dhaoine uile.
16Thoir an aire ort fhein ʼs air teagasg: bi durachdach unnta. Oir le so dhianamh, sabhalaidh tu thu fhein araon agus iadsan, a dhʼ eisdeas riut.
Currently Selected:
I Thimoti 4: MacETN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017