YouVersion Logo
Search Icon

Mata 10

10
1 Chuir Crìosd a‑mach a dhà‐abstol‐dheug, agus thug e cumhachd dhaibh mìorbhailean a dhèanamh: 5 theagaisg e iad: 16 thug e misneachd dhaibh an aghaidh geur‐leanmhainn, 40 agus gheall e beannachadh don dream a ghabhadh riu.
1Agus air gairm a dhà‐dheisciobal‐dheug da ionnsaigh, thug e cumhachd dhaibh an aghaidh nan spiorad neòghlan#Marc 3:13, 14; Lùc 9:1, etc., gu an tilgeadh a‑mach, agus a shlànachadh gach gnè easlaint, agus gach gnè eucail.
2Agus is iad seo ainmean an dà‑abstol‐dheug#Lùc 6:13; an ciad fhear, Sìmon den goirear Peadar, agus Anndras a bhràthair, Seumas mac Shebede, agus Eòin a bhràthair;
3Philip agus Bartolemèus, Tòmas, agus Mata an cìs‐mhaor, Seumas mac Alphèuis, agus Lebèus don co‑ainm Tadèus;
4Sìmon an Canàanach, agus Iùdas Iscariot, an neach fòs a bhrath esan.
5Chuir Iosa an dà‑fhear‐dheug seo a‑mach a’ tabhairt àithne dhaibh, ag ràdh, Na gabhaibh gu slighe nan Cinneach, agus na rachaibh a‑steach do aon bhaile a bhuineas do na Samaritanaich#2 Rìgh 17:24:
6Ach gum b’fheàrr leibh dol a dh’ionnsaigh caoraich chaillte taigh Israeil#Gnìo 13:46; Isa 53:6; Ier 50:6, 17.
7Agus air imeachd dhuibh, searmonaichibh, ag ràdh, Tha rìoghachd nèimh am fagas#Mat 3:2; Lùc 9:2.
8Lèighsibh an dream a tha tinn, glanaibh na lobhair, dùisgibh na mairbh, tilgibh a‑mach na deamhain: an asgaidh fhuair sibh, an asgaidh thugaibh uaibh.
9Na solairibh òr, no airgead, no umha nur sporanan#Lùc 22:35; 1 Cor 9:7, etc.;
10No màla a‑chum ur turais, no dà chòta, no brògan, no bataichean#10:10 bata.: (oir is airidh am fear‐obrach air a lòn#Lùc 10:7, etc.).
11Agus ge bè air bith cathair no baile don tèid sibh a‑steach, feòraichibh cò a tha na dheagh‐airidh innte; agus fanaibh an sin gus am fàg sibh an t‑àite sin.
12Agus nuair a thig sibh a‑steach do thaigh, beannaichibh dha.
13Agus mas airidh an taigh sin, thigeadh ur sìth air; ach mura airidh, tilleadh ur sìth dur n‑ionnsaigh fhèin a‑rìs#Salm 35:13.
14Agus ge bè neach nach gabh ribh, agus nach èisd ri ur briathran; air dol a‑mach as an taigh, no as a’ bhaile sin dhuibh, crathaibh dhibh duslach ur cas#Neh 5:13; Gnìo 13:51; 18:6.
15Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios staid fearann Shòdoim agus Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na staid a’ bhaile sin#Mat 11:22, 24.
16Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh‐allaidh: air an adhbhar sin bithibh‐se glic mar na nathraichean#Ròm 16:19; Eph 5:15, agus neo‐chronail mar na calamain#Philip 2:15.
17Ach bithibh air ur faicill o dhaoine#Philip 3:2, oir bheir iad an làimh sibh do chomhairlean#Mat 24:9; Marc 13:9, agus sgiùrsaidh iad sibh nan sionagogan#Gnìo 5:40; 2 Cor 11:24:
18Agus bheirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo sgàth‐sa#Gnìo 24; 25, mar fhianais dhaibhsan agus do na Cinnich.
19Ach nuair a bheir iad an làimh sibh, na biodh e na ro‑chàs oirbh cionnas no ciod a labhras sibh#Marc 13:11; Lùc 12:11; oir bheirear dhuibh, anns an uair sin fhèin, an nì a labhras sibh.
20Oir cha sibhse a labhras, ach Spiorad ur n‑Athar fhèin a labhras annaibh.
21Agus bheir am bràthair a bhràthair fhèin suas a‑chum bàis, agus an t‑athair am mac; agus èiridh a’ chlann an aghaidh am pàrantan, agus bheir iad fa‑near gun cuirear gu bàs iad.
22Agus bidh fuath aig na h‑uile dhaoine dhuibh airson m’ainme‐sa: ach, ge bè a bhuanaicheas gus a’ chrìoch, is e seo a thèarnar#Seum 1:12.
23Agus nuair a nì iad geur‐leanmhainn oirbh anns a’ bhaile seo, teichibh gu baile eile#Gnìo 8:1; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach imich sibh air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.
24Chan eil an deisciobal os cionn a mhaighistir#Lùc 6:40; Eòin 13:16; 15:20, no an seirbhiseach os cionn a thighearna.
25Is leòr don deisciobal a bhith mar a mhaighistir, agus don t‑seirbhiseach a bhith mar a thighearna: ma ghoir iad Beelsebub#10:25 Beelsebul. de fhear an taighe#Eòin 8:48, nach mò na sin a ghoireas iad e de a mhuinntir?
26Uime sin na biodh eagal oirbh romhpa: oir chan eil nì sam bith falaichte nach foillsichear#Marc 4:22; Lùc 12:2, 3; 1 Cor 4:5; agus an cleith nach dèanar aithnichte.
27An nì a dh’innseas mise dhuibh anns an dorchadas, labhraibh e anns an t‑solas; agus an nì a chluinneas sibh anns a’ chluais, searmonaichibh e air mullach nan taighean.
28Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp#Isa 8:12, 13; 51:7, 12; 1 Pead 3:14, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.
29Nach eil dà ghealbhan air an reic air feòirling: agus cha tuit a h‑aon dhiubh air an talamh as eugmhais freasdal ur n‑Athar‐se.
30Ach tha eadhon fuilteanan ur cinn uile air an àireamh#Gnìo 27:34.
31Air an adhbhar sin na biodh eagal oirbh; is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan.
32Uime sin ge bè a dh’aidicheas mise am fianais dhaoine, aidichidh mise esan mar an ceudna am fianais m’Athar a tha air nèamh#Tais 3:5.
33Ach ge bè a dh’àicheas mise am fianais dhaoine#2 Tim 2:12, àichidh mise esan am fianais m’Athar a tha air nèamh.
34Na measaibh gun tàinig mise a chur sìthe air an talamh: chan ann a chur sìthe a thàinig mi, ach a chur claidheimh#Lùc 12:49, 53.
35Oir thàinig mi a chur duine an aghaidh a athar, agus na nighinn an aghaidh a màthar, agus bean a’ mhic an aghaidh a màthar‐chèile.
36Agus is iad muinntir a theaghlaich fhèin a bhios nan naimhdean do dhuine#Salm 41:9; Mic 7:6.
37An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise#Lùc 14:26, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn‐sa, chan airidh orm e:
38Agus an tì nach glac a chrann‐ceusaidh, agus nach lean mise, chan airidh orm e.
39An tì a gheibh a anam#10:39 a bheatha., caillidh e e#Mat 16:25: ach an tì a chailleas a anam air mo shon‐sa, gheibh e e.
40An tì a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa#Mat 18:5; 25:40, 45; Eòin 12:44; agus an tì a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an tì a chuir uaithe mi.
41An tì a ghabhas ri fàidh ann an ainm fàidh, gheibh e duais fàidh#1 Rìgh 17:10; Eabh 6:10; agus an tì a ghabhas ri fìrean ann an ainm fìrein, gheibh e duais fìrein.
42Agus ge bè a bheir cupan de uisge fuar a‑mhàin ra òl do aon den mhuinntir bhig seo, an ainm deisciobail, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e air chor sam bith a dhuais#Mat 25:40; 2 Cor 8:12.

Currently Selected:

Mata 10: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in