1
Mata 10:16
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh‐allaidh: air an adhbhar sin bithibh‐se glic mar na nathraichean, agus neo‐chronail mar na calamain.
Compare
Explore Mata 10:16
2
Mata 10:39
An tì a gheibh a anam, caillidh e e: ach an tì a chailleas a anam air mo shon‐sa, gheibh e e.
Explore Mata 10:39
3
Mata 10:28
Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.
Explore Mata 10:28
4
Mata 10:38
Agus an tì nach glac a chrann‐ceusaidh, agus nach lean mise, chan airidh orm e.
Explore Mata 10:38
5
Mata 10:32-33
Uime sin ge bè a dh’aidicheas mise am fianais dhaoine, aidichidh mise esan mar an ceudna am fianais m’Athar a tha air nèamh. Ach ge bè a dh’àicheas mise am fianais dhaoine, àichidh mise esan am fianais m’Athar a tha air nèamh.
Explore Mata 10:32-33
6
Mata 10:8
Lèighsibh an dream a tha tinn, glanaibh na lobhair, dùisgibh na mairbh, tilgibh a‑mach na deamhain: an asgaidh fhuair sibh, an asgaidh thugaibh uaibh.
Explore Mata 10:8
7
Mata 10:31
Air an adhbhar sin na biodh eagal oirbh; is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan.
Explore Mata 10:31
8
Mata 10:34
Na measaibh gun tàinig mise a chur sìthe air an talamh: chan ann a chur sìthe a thàinig mi, ach a chur claidheimh.
Explore Mata 10:34
Home
Bible
Plans
Videos