Iob 39
39
Nochd Dia a chumhachd fhèin, agus anfhainneachd agus aineolas an duine, le e a bhith a’ coimhead agus a’ riaghladh fhiadh‐bheathaiche na macharach air dhòigh neo‐aithnichte do chreutair.
1An aithne dhutsa an t‑àm anns am beir gobhair fhiadhaich na creige? An toir thu fa‑near cuin a bheireas na h‑èildean laoigh#Salm 29:9?
2An urrainn thu na mìosan àireamh a choileanas iad, agus an aithne dhut an t‑àm anns am beir iad?
3Cromaidh iad iad fhèin, beiridh iad an àl, tilgidh iad dhiubh an do‑bhròn.
4Tha an àl ann an culaidh mhaith, tha iad a’ fàs suas anns na cluainean; thèid iad a‑mach, agus cha till iad dan ionnsaigh.
5Cò a chuir a‑mach an t‑asal fiadhaich saor#Ier 2:24; Hos 8:9, agus cò a dh’fhuasgail ceanglaichean an asail fhiadhaich?
6Don do rinn mi a thaigh den fhàsach#Iob 24:5, agus a àite‐còmhnaidh den fhearann neo‐thorrach.
7Nì e tarcais air mòr‐shluagh a’ bhaile; ri èigheach an fhir‐ghreasaidh chan èisd e.
8Rannsaichidh e na slèibhtean a‑chum ionaltraidh, agus siridh e an dèidh gach nì uaine.
9Am bi an t‑aon‐adharcach#Deut 33:17; Salm 92:10 toileach air seirbhis a dhèanamh dhut? Am fan e aig do phrasaich?
10An ceangail thu an t‑aon‐adharcach le a chuing anns a’ chlais? No an cliath e na gleanntan ad dhèidh?
11An earb thu as, a chionn gur mòr a neart? No am fàg thu d’obair dha?
12An creid thu e gun aisig e do shìol, agus gun cruinnich e e dod ùrlar‐bualaidh?
13An tusa a thug sgiathan brèagha do na peucagan? No sgiathan agus iteach don struth;
14A dh’fhàgas a h‑uibhean anns an talamh, agus a bhlàthaicheas iad anns an duslach,
15Agus a dhìochuimhnicheas gum faod cas am bruthadh, no fiadh‐bheathach na machrach am briseadh?
16Cruadhaichear i an aghaidh a h‑àlaich#Tuir 4:3, mar nach bu leatha iad: dìomhain tha a saothair gun eagal;
17A chionn gun do dhiùlt Dia dhi gliocas, agus nach do roinn e tuigse rithe#Iob 35:11.
18Ge bè uair a thogas i i fhèin an àird, nì i tàir air an each, agus air a mharcach.
19An tug thusa neart don each? An d’èidich thu a mhuineal le tàirneanaich?
20An dèan thu gealtach e mar an leumnach‐uaine? Is uamhasach glòir a chuinneinean.
21Bùraichidh e le a chois anns a’ ghleann, agus nì e gàirdeachas na neart: thèid e air aghaidh an coinneamh an airm#Ier 8:6.
22Nì e magadh air eagal, agus cha bhi uamhann air, agus cha till e air ais o fhaobhar a’ chlaidheimh.
23Nì am balg‐saighid torman na aghaidh, an t‑sleagh loinnreach agus an gath.
24Le gairge agus feirg cladhaichidh e an talamh; agus cha chreid e gur i fuaim na trompaid a tha ann.
25Am meadhon fuaim na trompaid their e, Ha, ha! agus fad as gabhaidh e boladh a’ chatha, tàirneanaich nan ceannard, agus na h‑iolaich.
26An ann led ghliocas‐sa a dh’itealaicheas an t‑seabhag, a shìneas i a sgiathan a làimh na h‑àird a deas?
27An ann air d’àithne‐sa a dh’èireas an iolaire suas, agus a nì i a nead gu h‑àrd#Ier 49:16; Obad 1:4?
28Gabhaidh i còmhnaidh anns a’ charraig, agus fanaidh i air sgòrr na carraig, agus anns an daingneach.
29As a sin iarraidh i cobhartach; chì a sùilean fad as.
30Agus sùgaidh a h‑àlach suas fuil; agus far am bi na mairbh, an sin bidh ise#Mat 24:28; Lùc 17:37.
Currently Selected:
Iob 39: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017