YouVersion Logo
Search Icon

Iob 40

40
1 Dh’irioslaich Iob e fhèin ann an làthair Dhè. 6 Labhair an Tighearna ris as a’ chuairt‐ghaoith. 15 Dh’fhoillsich Dia a chumhachd ann an cruthachadh Bhehemoit.
1A thuilleadh air seo fhreagair an Tighearna Iob, agus thubhairt e,
2An teagaisg esan a nì strì#Iob 33:13; Isa 27:4 ris an Uile‐chumhachdach? Esan a thagras ri Dia, freagradh e air a shon.
3Agus fhreagair Iob an Tighearna agus thubhairt e,
4Feuch, tha mi gràineil#Iob 42:6; Esra 9:6; Salm 51:4; Isa 6:5; 64:6; Daniel 9:5, 7; Lùc 18:13; ciod a fhreagras mi dhut? Cuiridh mi mo làmh air mo bheul#Iob 29:9; Mic 7:16; Sech 2:13; Ròm 3:19.
5Aon uair labhair mi, ach cha fhreagair mi; seadh, dà uair, ach chan abair mi tuilleadh.
6An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt‐ghaoith#Iob 38:1, etc., agus thubhairt e,
7Crioslaich a‑nis mar dhuine do leasraidh: feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi.
8An toir thusa mo bhreitheanas‐sa gu neoni? An dìt thu mise, a‑chum gun saorar thu fhèin?
9A bheil gàirdean agad cosmhail ri Dia? No an dèan thu tàirneanach le guth cosmhail ris‐san#Salm 29:3, 4?
10Sgeadaich thu fhèin a‑nis le mòrachd#Salm 93:1; 104:1 agus le òirdheirceas, agus èidich thu fhèin le glòir agus maise.
11Taom a‑mach fraoch d’fheirge, agus faic gach neach a tha uaibhreach, agus irioslaich e.
12Faic gach neach a tha uaibhreach, ìslich e, agus saltair sìos na droch dhaoine nan àite.
13Falaich iad anns an duslach le chèile, ceangail an aghaidhean ann an diamhaireachd.
14An sin mar an ceudna aidichidh mise dhut gun saor do dheaslàmh fhèin thu.
15Feuch a‑nis Behemot, a rinn mise maille riut; ithidh e feur mar dhamh.
16Feuch a‑nis, tha a neart na leasraidh, agus a spionnadh ann an imleig a bhronn.
17Gluaisidh e a earball mar sheudar: tha fèithean‐luthaidh a shlèisdean ceangailte ri chèile.
18Tha a chnàmhan làidir mar umha; tha a chnàmhan mar chroinn iarainn.
19Is e tùs slighean Dhè e: an tì a chruthaich e, faodaidh esan a chlaidheamh a thoirt am fagas dha.
20Gu cinnteach bheir na slèibhtean dha feur#Salm 104:14, far am bi uile bheathaichean na machrach ri sùgradh.
21Fo na croinn dhubharach laighidh e, ann am falach na cuilce agus na làthaich.
22Còmhdaichidh na croinn dhubharach e len sgàil: cuartaichidh seileach an t‑sruthain e.
23Feuch, thig abhainn gu cruaidh air, agus cha dèan e deifir: bidh dòchas aige nuair a thig Iòrdan a‑mach ga bheul#40:23 tha dùil aige gun tarraing e suas Iòrdan na bheul..
24Na shùilean an glac duine e? Le dubhain an toll e a shròn?

Currently Selected:

Iob 40: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in