YouVersion Logo
Search Icon

Iob 38

38
1 Ghairm Dia air Iob as a’ chuairt‐ghaoith, agus dh’iarr e reusonachadh ris: 4 le bhith ag àireamh nithean iongantach a chumhachd, nochd Dia dha, gu bheil an duine a dhìth eòlais agus neirt.
1An sin fhreagair an Tighearna Iob as a’ chuairt‐ghaoith, agus thubhairt e,
2Cò e seo a tha a’ dorchachadh comhairle le briathran gun eòlas#Iob 34:35; 35:16?
3Crioslaich a‑nis mar fhear do leasraidh, agus feòraichidh mi dhìot, agus freagair thusa mi.
4Càit an robh thu nuair a leag mise bunaitean na talmhainn#Gnà 8:22‐30? Innis, ma tha tuigse agad.
5Cò a shuidhich a thomhaisean, mas aithne dhut, no cò a shìn an t‑sreang‐thomhais air?
6Ciod air a bheil a bhunaitean air an daingneachadh, no cò a leag a chlach‐oisinn,
7Nuair a sheinn reultan na maidne cuideachd#Tais 2:28, agus a rinn uile mhic Dhè gàirdeachas?
8No cò a dhruid a‑staigh an fhairge le dorsan nuair a bhris i a‑mach mar gun tigeadh i as a’ bhroinn;
9Nuair a rinn mi neul na thrusgan dhi, agus tiugh dhorchadas na chrios‐pasgaidh dhi;
10Agus a bhris mi suas dhi m’àite suidhichte, agus a rinn mi dhi crannan agus dorsan;
11Agus a thubhairt mi, Gu ruig seo thig thu, ach cha tig nas fhaide, agus an seo caisgear do thonnan uaibhreach#Salm 89:9?
12O thoiseach do làithean an tug thu àithne don mhadainn? An tug thu fios a h‑àite don sgarthanaich?
13A‑chum greim a ghabhail de chrìochan na talmhainn, agus gun crathte na h‑aingidh as.
14Tionndaidhear e mar chriadh ris an t‑seula; agus seasaidh iadsan mar aodach.
15Agus cumar an solas o na h‑aingidh, agus brisear an gàirdean àrd#Salm 10:15.
16An deachaidh tu a‑steach gu tobraichean na fairge? No ann an rannsachadh an dubh‐aigein an d’imich thu?
17An d’fhosgladh geatachan a’ bhàis dhut#Salm 9:13? No am faca tu dorsan sgàil a’ bhàis?
18An tug thu fa‑near leud na talmhainn? Innis, mas aithne dhut e uile.
19Càit a bheil an t‑slighe anns an còmhnaich an solas? Agus an dorchadas, càit a bheil a ionad‐san?
20Gun gabhadh tu e ga chrìch, agus gum b’aithne dhut na ceuman a dh’ionnsaigh a thaighe?
21An aithne dhut e, a chionn gun do rugadh tu an sin, no gu bheil àireamh do bhliadhnachan mòr?
22An deachaidh tu a‑steach gu ionmhasan an t‑sneachda? No am faca tu ionmhasan na cloiche‐meallain,
23A thaisg mise fa chomhair aimsir na teanntachd#Ecs 9:18, 24; Ios 10:11; Isa 30:30; Tais 16:21, fa chomhair là a’ chatha agus a’ chogaidh?
24Cia an rathad a dhealaichear an solas, a sgaoileas a’ ghaoth an ear air an talamh?
25Cò a roinn sruth‐chlais airson na tuile, agus slighe airson dealanach na tàirneanaich;
26A thoirt air frasadh air an talamh#Salm 147:8; Ier 14:22 far nach eil duine; air an fhàsach gun duine ann;
27A shàsachadh an fhàsaich#Salm 107:35 agus an dìthreibh, agus a thoirt air cinneas an luis mhaoith fàs suas?
28A bheil athair aig an uisge? No cò a ghin braoin an drùchda?
29A broinn cò an tàinig an eigh? Agus liath‐reodhadh#Iob 37:10 nan speur, cò a ghin e?
30Mar chloich tha na h‑uisgeachan air an cruadhachadh, agus aghaidh na doimhne air reodhadh.
31Am faod thusa cumhachdan milis Phleiades#38:31 Chimah, Eabh. a cheangal#Iob 9:9; Amos 5:8, no ceanglaichean Orioin#38:31 Chesil, Eabh. fhuasgladh?
32An toir thu a‑mach Madsarot na àm? No an stiùir thu Arcturus maille ra mhic?
33An aithne dhut reachdan nan nèamh#Ier 31:35, 36? An suidhich thu an uachdaranachd air an talamh?
34An tog thu suas a dh’ionnsaigh nan neul do ghuth, air chor is gun còmhdaich pailteas uisgeachan thu?
35An cuir thu uat dealanaich, agus an tèid iad, agus an abair iad riut, Tha sinn an seo?
36Cò a chuir gliocas anns an taobh a‑staigh#Salm 51:6? No cò a thug tuigse don chridhe?
37Cò a dh’àireamhas na neòil an gliocas? No cò a chaisgeas searragan nan nèamh;
38Nuair a dh’fhàsas an duslach na mheall cruaidh, agus a dhlùth‐leanas na fòidean ri chèile?
39An sealg thusa cobhartach don leòmhann bhoireann#Salm 104:21, agus an sàsaich thu cìocras nan leòmhann òga;
40Nuair a chrùbas iad nan garaidhean, a dh’fhanas iad ann an sgàil a‑chum feall‐fheitheimh?
41Cò a sholaras don fhitheach a lòn#Salm 147:9; Mat 6:26? An uair a dh’èigheas an t‑àl òg aige ri Dia, thèid iad air iomrall a chion bìdh.

Currently Selected:

Iob 38: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy