YouVersion Logo
Search Icon

Iob 37

37
1 Tha Dia uamhasach na obraichean; 15 agus na ghliocas do‑rannsachaidh. 23 Is còir do dhaoine eagal a bhith orra roimhe.
1Mar an ceudna uime seo chriothnaich mo chridhe#Daniel 10:7, 8; Mat 28:2‐4; Gnìo 16:26‐29, agus charaicheadh as a àit e.
2Eisdibh gu furachair ri fuaim a ghutha, agus an torman a thèid a‑mach as a bheul.
3Fo na nèamhan uile stiùraidh e e, agus a dhealanach gu crìochan na talmhainn.
4Na dhèidh sin beucaidh guth#Salm 68:33: nì e tàirneanach#Salm 29:3 le guth a mhòralachd; agus cha chùm e air an ais iad nuair a chluinnear a ghuth.
5Nì Dia tàirneanach le a ghuth gu h‑iongantach; nì e nithean mòra do‑thuigsinn#Ecl 3:11; Ròm 11:33.
6Oir ris an t‑sneachd their e, Bi‑sa air an talamh; mar an ceudna ris an uisge mheanbh, agus ri uisge mòr a neirt.
7Air làimh gach duine cuiridh e seula, a‑chum gun aithnich na h‑uile dhaoine a obair‐san#Salm 109:27.
8Agus thèid na fiadh‐bheathaichean a‑steach dan garaidhean#Salm 104:22, agus nan àitean‐tàimh laighidh iad.
9As an àird a deas thig an ioma‑ghaoth, agus fuachd as an àird a tuath.
10Le anail Dhè bheirear reodhadh#Salm 147:17, 18; cumhangaichear leud nan uisgeachan.
11Mar an ceudna le uisgeachadh sgìthichidh e an neul tiugh: sgaoilidh e a neul soillseach.
12Agus tionndaidhear mun cuairt e le a chomhairle; a‑chum gun dèan iad ge bè nì a dh’àithneas e dhaibh#Salm 148:8 air aghaidh a’ chruinne‐chè.
13Bheir e air teachd, mas ann a‑chum smachdachaidh#1 Sam 12:18; Esra 10:9, no airson a fhearainn#1 Rìgh 18:45, no airson tròcair#Ioel 2:23.
14Eisd ri seo, a Iob; seas, agus tabhair fa‑near obraichean iongantach Dhè.
15A bheil fhios agad cuin a dh’òrdaich Dia iad, agus a thug e air solas a neòil dealrachadh?
16A bheil fhios agad air cothromachadh nan neul, air obraichean iongantach an tì a tha iomlan ann an eòlas?
17Cionnas a tha d’aodach blàth, nuair a chiùinichear an talamh leis a’ ghaoith a deas?
18An do sgaoil thu a‑mach maille ris‐san na speuran#Isa 40:22; 44:24, a tha làidir, mar sgàthan leaghte?
19Nochd dhuinn ciod a their sinn ris: chan urrainn sinn ar cainnt a chur an òrdagh a‑thaobh dorchadais.
20An innsear dha nuair a labhras mi? Ma labhras duine, gu cinnteach sluigear suas e.
21Agus a‑nis chan fhaic daoine an solas dealrach a tha anns na neòil: ach siùbhlaidh a’ ghaoth, agus glanaidh i iad.
22As an àird a tuath thig soineann#37:22 deagh aimsir; òr.: aig Dia tha mòrachd uamhasach.
23An t‑Uile‐chumhachdach, chan urrainn sinn fhaghail a‑mach#1 Tim 6:16: tha e òirdheirc ann an cumhachd#Salm 62:11; 66:3, agus ann am breitheanas#Salm 99:4, agus ann an làn cheartas#Isa 45:21: cha sàraich e#Tuir 3:33.
24Uime sin bidh eagal air daoine roimhe#Mat 10:28: cha bhi meas aige air duine sam bith a bhios glic an cridhe#Mat 11:25; 1 Cor 1:26.

Currently Selected:

Iob 37: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in