YouVersion Logo
Search Icon

Iob 36

36
1 Nochd Elihu gu bheil Dia ceart na uile shlighean. 8 Crìoch smachdachaidh Dhè. 24 Tha obraichean an Tighearna iongantach agus do‑thuigsinn.
1Agus chaidh Elihu air aghaidh, agus thubhairt e,
2Leig dhomh beagan, agus nochdaidh mi dhut gu bheil fhathast nì agam ri labhairt airson Dhè.
3Tàirngidh mi m’eòlas o chèin, agus dom Chruithear bheir mi ceartas.
4Oir gu cinnteach cha bhi mo bhriathran breugach: tha esan a tha iomlan ann an eòlas maille riut.
5Feuch, tha Dia cumhachdach, agus cha dèan e tàir; cumhachdach ann an neart#Ier 32:19 le gliocas.
6Cha ghlèidh e beò an t‑aingidh; ach bheir e ceartas do na bochdan.
7Cha tarraing e a shùilean on ionracan#Eabh 13:5; ach tha iad le rìghrean air an rìgh‐chathair, agus daingnichidh e iad gu bràth, agus àrdaichear iad.
8Agus ma bhios iad ceangailte an geimhlean#Salm 107:10 ma ghlacar iad ann an cùird àmhghair;
9An sin nochdaidh e dhaibh an obair agus an easaontais, gu robh iad anabarrach.
10Agus fosglaidh e an cluas a‑chum fòghlaim, agus àithnidh e dhaibh tilleadh o euceart.
11Ma dh’èisdeas iad ris agus ma nì iad seirbhis dha, caithidh iad an làithean ann an saoibhreas, agus am bliadhnachan ann an subhachas.
12Ach mura èisd iad, cuirear as dhaibh leis a’ chlaidheamh, agus gheibh iad bàs gun eòlas.
13Ach càrnaidh na cealgairean anns a’ chridhe suas fearg#Ròm 2:5; chan èigh iad nuair a cheanglas e iad.
14Gheibh iad bàs nan òige#Salm 55:23, agus tha am beatha am measg nan neòghlan.
15Saoraidh e am bochd na àmhghar; agus fosglaidh e an cluasan nan sàrachadh.
16Eadhon mar sin dh’atharraicheadh e thusa à meadhon teanntachd gu àite farsaing#Salm 31:8, far nach eil teanntachd air bith; agus bhiodh na chuirte air do bhòrd#Salm 23:5 làn de shaill.
17Ach choilean thu breitheanas an aingidh: gabhaidh breitheanas agus ceartas greim dhìot.
18A chionn gu bheil fearg riut, thoir an aire nach toir e air falbh thu le a bhuille: an sin cha saor èirig mhòr thu.
19Am meas e do shaoibhreas#Gnà 11:4? Cha mheas, no òr, no uile neart cumhachd.
20Na miannaich an oidhche nuair a ghearrar as sluagh nan àite.
21Tabhair an aire nach claon thu gu euceart; oir seo roghnaich thu thar àmhghar.
22Feuch, àrdaichidh Dia le a chumhachd#Daniel 4:25, 32; cò a theagaisgeas cosmhail ris‐san#Salm 94:12?
23Cò a dh’fhiosraich a shlighe? Agus cò a dh’fhaodas a ràdh, Rinn thu euceart?
24Cuimhnich gun àrdaich thu a obair‐san#Salm 111:2‐8, a chì daoine.
25Chì na h‑uile dhaoine i: chì duine i o chèin.
26Feuch, tha Dia mòr, agus chan aithne dhuinne e; agus cha rannsaichear a‑mach àireamh a bhliadhnachan#Salm 102:24.
27Oir nì e meanbh na braoin uisge: taomaidh iad a‑nuas uisge#Salm 147:8, 9 a rèir a cheò,
28A shileas na neòil; frasaidh iad air an duine gu pailt.
29A bhàrr air seo, an urrainn neach air bith sgaoileadh nan neul a thuigsinn, no fuaim a phàillein?
30Feuch, sgaoilidh e a sholas air#Lùc 17:24, agus còmhdaichidh e ìochdar na fairge.
31Oir leo sin bheir e breith air an t‑sluagh#Deut 8:2‐15; bheir e biadh seachad ann am pailteas#Salm 136:25; Gnìo 14:17.
32Le a làmhan còmhdaichidh e an solas, agus àithnidh e dha teachd a‑rìs.
33Nochdaidh an fhuaim aige a‑thaobh sin#1 Rìgh 18:41, 45, an sprèidh mar an ceudna a‑thaobh na thèid suas.

Currently Selected:

Iob 36: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in