YouVersion Logo
Search Icon

Iob 35

35
1 Chronaich Elihu Iob a chionn gun dubhairt e gun robh fhìreantachd os cionn fìreantachd Dhè. 9 Glaodhaidh mòran a tha air an sàrachadh ri Dia, ach chan fhaigh iad èisdeachd, do bhrìgh gu bheil iad as eugmhais creidimh.
1Fhreagair Elihu a‑rìs, agus thubhairt e,
2An saoil thusa seo a bhith ceart, gun dubhairt thu, Tha m’fhìreantachd‐sa os cionn fìreantachd Dhè#Iob 9:17, 34; 16:12‐17; 27:2‐6;
3Oir thubhairt thu, Ciod an tairbhe a bhios ann dhutsa#Iob 31:2, etc.? Agus, ciod a’ bhuannachd a bhios ann dhòmhsa, ma shaorar mi om pheacadh?
4Freagraidh mise thu, agus do chompanaich maille riut.
5Amhairc air na nèamhan, agus, feuch; agus faic na neòil as àirde na thu.
6Ma pheacaicheas tu, ciod a nì thu na aghaidh‐san#Ier 7:19? Agus ma dh’fhàsas d’easaontais lìonmhor, ciod a nì thu airsan?
7Ma bhios tu ionraic, ciod a bheir thu dhàsan#Salm 16:2; Gnà 9:12? No ciod a gheibh e od làimh?
8Faodaidh d’aingidheachd cron a dhèanamh do dhuine mar a tha thusa, agus d’fhìreantachd a bhith tairbheach do mhac an duine.
9Glaodhaidh iadsan a tha air an sàrachadh le mòran, èighidh iad airson gàirdean na mòr‐chuideachd.
10Ach chan abair aon neach, Càit a bheil Dia mo Chruithear, a tha a’ tabhairt dhàn seachad anns an oidhche,
11A tha gar teagasg nas mò na ainmhidhean na talmhainn, agus gar dèanamh nas glice na eunlaith nan speur?
12An sin èighidh iad, ach cha fhreagair neach air bith iad, airson uabhar dhroch dhaoine.
13Gu cinnteach chan èisd Dia ri dìomhanas#Isa 1:15, agus cha bhi meas aig an Uile‐chumhachdach air.
14Ged their thu nach faic thu e, tha breitheanas na làthair#Salm 77:5‐10; uime sin earb thusa as.
15Ach a‑nis a chionn nach eil e mar sin, dh’fhiosraich e#35:15 is e sin, Dia. na chorraich; gidheadh chan aithne dha#35:15 is e sin, Iob. sin#Hos 11:8, 9 ann an deuchainn mhòir.
16Uime sin fosglaidh Iob a bheul gu dìomhain: nì e briathran lìonmhor gun eòlas.

Currently Selected:

Iob 35: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in