YouVersion Logo
Search Icon

Iob 34

34
1 Rinn Elihu casaid air Iob a chionn gun dubhairt e gun robh e ionraic, agus gun tug Dia air falbh a bhreitheanas. 10 Cha chòmhnaich aingidheachd maille ri Dia. 34 Chronaich Elihu Iob.
1A thuilleadh air seo fhreagair Elihu, agus thubhairt e,
2Cluinnibh mo bhriathran, a dhaoine glice, agus èisdibh rium, sibhse aig a bheil eòlas:
3Oir dearbhaidh a’ chluas briathran, agus blaisidh am beul biadh.
4Roghnaicheamaid dhuinn fhèin breitheanas: biodh fhios againn eadarainn fhèin ciod an nì a tha math.
5Oir thubhairt Iob, Tha mi ionraic#Iob 27:2; agus thug Dia air falbh mo bhreitheanas.
6Ann am bhreitheanas tha mi air mo mhealladh: tha mo lot do‑leighis, as eugmhais easaontais.
7Cò an duine a tha cosmhail ri Iob, a dh’òlas suas magadh mar uisge?
8A dh’imicheas ann an cuideachd luchd‐dèanamh na h‑euceirt, agus a shiùbhlas le droch dhaoine.
9Oir thubhairt e, Chan eil tairbhe ann do dhuine tlachd a ghabhail ann an Dia#Iob 9:22, 23.
10Uime sin èisdibh rium, sibhse a dhaoine tuigseach: Fada gu robh aingidheachd o Dhia, agus euceart on Uile‐chumhachdach.
11Oir gnìomh duine ìocaidh e dha#Tais 22:12 agus bheir e air gach duine gum faigh e a rèir a shlighe.
12Seadh, gu cinnteach cha dèan Dia gu h‑aingidh, agus cha chlaon an t‑Uile‐chumhachdach breitheanas.
13Cò a chuir an talamh fo a chùram, agus cò a shuidhich an domhan uile?
14Ma chuireas e a chridhe air, ma chruinnicheas e da ionnsaigh fhèin a spiorad agus a anail;
15Bàsaichidh gach uile fheòil le chèile, agus tillidh an duine a‑rìs don duslach.
16A‑nis ma tha tuigse agad, cluinn seo; èisd ri guth mo bhriathar:
17An riaghail esan fhèin aig a bheil fuath do cheartas#2 Sam 23:3? Agus an dìt thu esan as ro‑cheirte?
18An abrar ri rìgh, Tha thu aingidh#Ecs 22:28? Ri daoine urramach, Tha sibh ain‐diadhaidh?
19Ris‐san#34:19 nas lugha gu mòr na sin ris‐san. nach gabh ri gnùis uachdaran#Eabh 12:28; 1 Pead 1:17, agus nach meas an saoibhir nas mò na am bochd? Oir is iad uile obraichean a làmh.
20Gu h‑obann gheibh iad bàs, agus mu mheadhon‐oidhche cuirear an sluagh fo bhuaireas, agus siùbhlaidh iad: agus bheirear an cumhachdach air falbh gun làmh.
21Oir tha a shùilean air slighean duine#2 Each 16:9, agus chì e a cheuman gu lèir#Salm 139:2, 3.
22Chan eil dorchadas#Amos 9:2, 3; Eabh 4:13 no sgàil bàis ann, far am falaich luchd‐dèanamh na h‑aingidheachd iad fhèin#Tais 6:15, 16.
23Oir cha leig e tuilleadh is a chòir air duine, a‑chum gun rachadh e ann am breitheanas ri Dia.
24Brisidh e sìos daoine cumhachdach gun àireamh, agus cuiridh e suas daoine eile nan àite.
25Uime sin is aithne dha an gnìomharan, agus tilgidh e bun‐os‑cionn iad anns an oidhche, agus sgriosar iad.
26Mar dhroch dhaoine buailidh e iad ann an sealladh soilleir dhaoine eile#1 Tim 5:24:
27A chionn gun do thionndaidh iad air an ais uaithe, agus nach tug iad fa‑near aon air bith de a shlighean#Gnà 1:29, 30.
28Air chor is gun tug iad air glaodh nam bochd teachd da ionnsaigh#Ecs 22:27, agus gun cuala e glaodh nan truaghan.
29Nuair a bheir esan fois#Ròm 8:31‐34, cò a nì buaireas? Agus nuair a dh’fhalaicheas e a ghnùis#Salm 143:7, cò a chì e? Mas ann a‑thaobh cinnich, no a‑thaobh duine a‑mhàin.
30A‑chum nach rìghich duine a bhios na chealgair, air eagal gum biodh an sluagh air an ribeadh#1 Rìgh 12:28.
31Gu cinnteach ri Dia tha e iomchaidh ra ràdh, Ghiùlain mi smachdachadh#Daniel 9:7‐14, cha chiontaich mi nas mò.
32An nì nach lèir dhomh, teagaisg thusa dhomh#Salm 32:8: ma rinn mi aingidheachd, cha dèan mi sin nas mò#Eph 4:22.
33An ann a rèir do thoile‐sa a bu chòir an nì a bhith? Dìolaidh e e, ma dhiùltas tusa, oir is tu fhèin a roghnaicheas, agus cha mhise; uime sin an nì as aithne dhut labhair.
34Innseadh daoine tuigseach dhomh, agus èisdeadh duine glic rium.
35Labhair Iob gun eòlas#Iob 38:2, agus bha a bhriathran as eugmhais gliocais.
36Is e mo mhiann Iob a bhith air a dhearbhadh a‑chum na crìche, airson a fhreagraidhean le daoine aingidh.
37Oir tha e a’ cur ceannairc ra pheacadh, a’ bualadh a bhas nar measg, agus a’ dèanamh a bhriathran lìonmhor an aghaidh Dhè.

Currently Selected:

Iob 34: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in