YouVersion Logo
Search Icon

Eòin 16

16
1 Thug Crìosd comhfhurtachd da dheisciobail an aghaidh trioblaid, le gealladh an Spioraid Naoimh, agus aiseirigh fhèin agus a dhol suas air nèamh; 23 thug e cinnte dhaibh gum bi na h‑ùrnaighean a nithear na ainm‐san taitneach da Athair.
1Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum nach faigheadh sibh oilbheum#Mat 11:6.
2Cuiridh iad as an t‑sionagog sibh#Eòin 9:22; 12:42: seadh, thig an uair, ge bè neach a mharbhas sibh#Gnìo 9:1, 2; 26:9‐14, gun saoil e gu bheil e a’ dèanamh seirbhis do Dhia.
3Agus nì iad na nithean seo, do bhrìgh nach aithne dhaibh an t‑Athair, no mise#Eòin 15:21; 1 Tim 1:13.
4Ach dh’innis mi na nithean seo dhuibh, a‑chum nuair a thig an t‑àm, gun cuimhnich sibh gun d’innis mi dhuibh iad. Ach cha dubhairt mi na nithean seo ribh o thùs, do bhrìgh gu robh mi maille ribh.
5Ach a‑nis tha mi a’ dol a‑chum an tì a chuir uaithe mi; agus chan eil a h‑aon agaibhse a’ feòraich dhìom, Càit a bheil thu a’ dol?
6Ach a chionn gun dubhairt mi na nithean seo ribh, lìon do‑bhròn ur cridhe.
7Gidheadh tha mi ag innse dhuibh na fìrinn. Is buannachd dhuibh mise a dh’fhalbh: oir mura falbh mi, cha tig an Comhfhurtair dur n‑ionnsaighse#Eòin 7:39; 14:16, 26; ach ma dh’fhalbhas mi, cuiridh mi esan dur n‑ionnsaigh#Gnìo 2:33.
8Agus nuair a thig esan, bheir e dearbh‐shoilleireachd don t‑saoghal mu pheacadh#Sech 12:10; Gnìo 2:33, agus mu fhìreantachd, agus mu bhreitheanas;
9Mu pheacadh, do bhrìgh nach eil iad a’ creidsinn annamsa#Eòin 15:22‐25; Ròm 3:20; 7:9;
10Mu fhìreantachd#Isa 42:21; Ròm 1:17, do bhrìgh gu bheil mi dol a dh’ionnsaigh m’Athar, agus nach faic sibh nas mò mi;
11Mu bhreitheanas#Gnìo 17:31; Ròm 2:2, a chionn gu bheil uachdaran an t‑saoghail seo air a dhìteadh#Eòin 12:31.
12Tha mòran nithean agam fhathast ri ràdh ribh, ach chan urrainn sibh an giùlan an tràth seo#1 Cor 3:1, 2; Eabh 5:12.
13Ach nuair a thig esan, Spiorad na fìrinn, treòraichidh e sibh a‑chum gach uile fhìrinn#Eòin 14:26: oir cha labhair e uaithe fhèin: ach labhraidh e na h‑uile nithean a chluinneas e: agus foillsichidh e dhuibhse nithean a tha ri teachd#Tais 1:1, 19.
14Bheir esan glòir dhòmhsa: oir gheibh e dem chuid‐sa, agus nochdaidh e dhuibhse e#Eòin 15:26.
15Na h‑uile nithean a tha aig an Athair, is leamsa iad: air an adhbhar seo thubhairt mi gum faigh e dem chuid‐sa, agus nochdaidh e dhuibhse e.
16Tamall beag agus chan fhaic sibh mi; agus a‑rìs, tamall beag agus chì sibh mi#Eòin 20:19, 20, do bhrìgh gu bheil mi dol a‑chum an Athar.
17An sin thubhairt cuid de a dheisciobail eatorra fhèin, Ciod e seo a tha e ag ràdh rinn, Tamall beag agus chan fhaic sibh mi: agus a‑rìs, Tamall beag agus chì sibh mi: agus, Do bhrìgh gu bheil mi dol a‑chum an Athar?
18Air an adhbhar sin thubhairt iad, Ciod e seo a tha e ag ràdh, Tamall beag? Chan eil sinne a’ tuigsinn ciod a tha e ag ràdh.
19A‑nis dh’aithnich Iosa#Mat 9:4 gu robh toil aca fheòraich dheth, agus thubhairt e riu, A bheil sibh a’ feòraich nur measg fhèin mar a thubhairt mi, Tamall beag agus chan fhaic sibh mi: agus a‑rìs, tamall beag agus chì sibh mi?
20Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun dèan sibhse gul agus caoidh, ach nì an saoghal gàirdeachas#Mat 27:39‐43: agus bidh sibhse do‑bhrònach, ach tillear ur bròn gu gàirdeachas#Gnìo 2:46, 47.
21Nuair a bhios bean ri saothair chloinne, bidh i fo dhoilgheas, a chionn gu bheil a h‑uair air teachd: ach nuair a bheireas i an leanabh, cha chuimhnich i a h‑àmhghar nas mò, tre aoibhneas gun do rugadh duine a‑chum an t‑saoghail.
22Agus tha a‑nis uime sin doilgheas oirbhse: ach chì mise a‑rìs sibh, agus nì ur cridhe gàirdeachas#Eòin 20:19, 20; Lùc 24:40, 41, 52; Gnìo 13:52, agus ur gàirdeachas cha bhuin neach air bith uaibh.
23Agus air an là sin chan fheòraich sibh nì air bith dhìomsa. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè nithean a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm‐sa, gun toir e dhuibh iad.
24Gus a seo cha d’iarr sibh nì air bith ann am ainm‐sa: iarraibh, agus gheibh sibh#Mat 7:7, 8; Seum 4:2, 3, a‑chum gum bi ur n‑aoibhneas làn#Eòin 15:11.
25Na nithean seo labhair mi ribh ann am briathran dorcha: ach thig an uair anns nach labhair mi nas mò ribh ann am briathran dorcha, ach innsidh mi gu soilleir mun Athair dhuibh.
26Anns an là sin iarraidh sibh am ainm‐sa: agus chan eil mi ag ràdh ribh gun guidh mi an t‑Athair air ur son:
27Oir is toigh leis an Athair fhèin sibh#Eòin 14:21, 23, airson gun tug sibh gràdh dhòmhsa, agus gun do chreid sibh gur ann o Dhia a thàinig mi#Eòin 17:8.
28Thàinig mi a‑mach on Athair, agus tha mi air teachd a‑chum an t‑saoghail: a‑rìs, tha mi a’ fàgail an t‑saoghail, agus a’ dol a‑chum an Athar.
29Thubhairt a dheisciobail ris, Feuch, a‑nis tha thu a’ labhairt gu soilleir, agus chan eil thu a’ labhairt cosamhlachd air bith.
30A‑nis tha fhios againn gur aithne dhut na h‑uile nithean, agus nach feum thu duine air bith a dh’fheòraich dhìot: air a shon seo tha sinn a’ creidsinn gur ann o Dhia a thàinig thu.
31Fhreagair Iosa iad, A bheil sibh a‑nis a’ creidsinn?
32Feuch, thig an t‑àm, seadh, tha e cheana air teachd, anns an sgapar o chèile sibh#Mat 26:31; Marc 14:27, gach aon ga ionad fhèin, agus am fàg sibh mise am aonar#Eòin 8:29; Isa 50:7, 9: gidheadh chan eil mise am aonar, oir tha an t‑Athair maille rium.
33Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum biodh sìth agaibh annamsa#Eòin 14:27. Anns an t‑saoghal bidh àmhghar agaibh#Eòin 15:19‐21; 2 Tim 3:12: ach biodh deagh mhisneach agaibh, thug mise buaidh air an t‑saoghal#Eòin 12:31.

Currently Selected:

Eòin 16: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in