YouVersion Logo
Search Icon

Eòin 15

15
1 An sòlas a tha aig deisciobail Chrìosd; 9 an gràdh agus an coicheangal a tha eadar iad agus esan. 18 Comhfhurtachd fo fhuath agus gheur‐leanmhainn an t‑saoghail seo. 26 Dreuchd an Spioraid Naoimh, agus nan abstol.
1Is mise an fhìonain fhìor, agus is e m’Athair an treabhaiche.
2Gach uile gheug annamsa nach eil a’ giùlan toraidh, bheir e air falbh#Mat 3:10; agus gach uile gheug a tha a’ tabhairt toraidh, glanaidh e i#Eabh 12:11; Tais 3:19, a‑chum gun giùlain i tuilleadh toraidh.
3A‑nis tha sibhse glan tre an fhacal a labhair mi ribh#Eòin 17:17; Eph 5:26.
4Fanaibh annamsa#1 Eòin 2:6, agus mise annaibhse. Mar nach urrainn a’ gheug toradh a thoirt uaipe fhèin, mura fan i anns an fhìonain, cha mhò as urrainn sibhse, mura fan sibh annamsa.
5Is mise an fhìonain, sibhse na geugan: an tì a dh’fhanas annamsa agus mise annsan, bheir esan mòr‐thoradh uaithe#Philip 1:11; oir as m’eugmhais‐sa#15:5 dealaichte riumsa. chan urrainn sibh aon nì a dhèanamh.
6Mura fan neach annamsa, tha e air a thilgeadh a‑mach mar ghèig, agus air crìonadh; agus tionailidh daoine iad#Mat 13:40‐42, agus tilgidh iad anns an teine iad, agus loisgear iad.
7Ma dh’fhanas sibh annamsa, agus ma dh’fhanas m’fhacail‐sa annaibhse, iarraidh sibh gach nì as àill leibh#Eòin 14:13, 14, agus nìthear dhuibh e.
8An seo tha m’Athair‐sa air a ghlòrachadh#Mat 5:16, gun toir sibhse mòr‐thoradh uaibh; agus bidh sibh nur deisciobail dhòmhsa.
9Mar a ghràdhaich an t‑Athair mise, mar sin ghràdhaich mise sibhse#Eòin 17:23, 24, 26: fanaibh ann am ghràdh‐sa.
10Ma choimheadas sibh m’àitheantan#Eòin 14:15, 21‐23, fanaidh sibh ann am ghràdh; mar a choimhead mise àitheantan m’Athar, agus a tha mi a’ fantainn na ghràdh.
11Na nithean seo labhair mi ribh, a‑chum gum fanadh mo ghàirdeachas annaibh, agus gum biodh ur gàirdeachas‐se làn#Eòin 16:24; Ròm 5:11; 1 Pead 1:8.
12Is i seo m’àithne‐sa, gun gràdhaich sibhse a chèile#Eòin 13:34, mar a ghràdhaich mise sibhse.
13Gràdh as mò na seo chan eil aig neach air bith#Eòin 10:11, 15; Ròm 5:6‐8, gun leigeadh duine a anam sìos airson a chàirdean.
14Is sibhse mo chàirdean‐sa#Mat 12:50, ma nì sibh gach nì a tha mi ag àithneadh dhuibh.
15A seo suas cha ghairm mi seirbhisich dhibh; oir chan aithne don t‑seirbhiseach ciod a tha a thighearna a’ dèanamh: ach ghairm mi càirdean dhibh; oir na h‑uile nithean a chuala mi om Athair, thug mi fios dhuibhse orra#Eòin 17:26; Mat 13:11.
16Cha sibhse a thagh mise#Eòin 6:70; 1 Eòin 4:10, 19, ach is mise a thagh sibhse, agus dh’òrdaich#15:16 shònraich. mi sibh#Mat 10:1‐5; Eph 2:10, a‑chum gun rachadh sibh agus gun tugadh sibh a‑mach toradh, agus gum maireadh ur toradh: a‑chum ge bè nì a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm‐sa, gun toir e dhuibh e.
17Tha mi ag àithneadh nan nithean seo dhuibh, a‑chum gun gràdhaich sibh a chèile.
18Ma tha an saoghal gur fuathachadh, tha fhios agaibh gun d’fhuathaich e mise romhaibh.
19Nam b’ann den t‑saoghal sibh#1 Eòin 4:5, ghràdhaicheadh an saoghal a chuid fhèin: ach do bhrìgh nach ann den t‑saoghal sibh, ach gun do thagh mise sibh as an t‑saoghal#Eòin 17:14‐16, uime sin tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh.
20Cuimhnichibh am facal a thubhairt mi ribh#Eòin 13:16; Mat 10:24; Lùc 6:40, Chan eil an seirbhiseach nas mò na a thighearna. Ma rinn iad geur‐leanmhainn ormsa, nì iad geur‐leanmhainn oirbhse mar an ceudna: ma choimhead iad m’fhacal‐sa, coimheadaidh iad ur facal‐se mar an ceudna.
21Ach na nithean seo uile nì iad oirbh airson m’ainme‐sa#Mat 24:9, do bhrìgh nach aithne dhaibh esan a chuir uaithe mi#Eòin 16:3.
22Mura bithinn‐sa air teachd, agus air labhairt riu, cha bhiodh peacadh aca#Eòin 9:41: ach a‑nis chan eil leisgeul am peacaidh aca#Seum 4:17.
23An tì aig a bheil fuath dhòmhsa, tha fuath aige dom Athair mar an ceudna.
24Mura bithinn‐sa air dèanamh nan obraichean nam measg nach do rinn aon neach eile, cha bhiodh peacadh aca: ach a‑nis chunnaic iad, agus dh’fhuathaich iad araon mise agus m’Athair.
25Ach rinneadh seo a‑chum gun coileante am facal a tha sgrìobhte nan lagh fhèin, Dh’fhuathaich iad mi gun adhbhar#Salm 69:4.
26Ach nuair a thig an Comhfhurtair#Eòin 14:17, a chuireas mise dur n‑ionnsaigh on Athair, Spiorad na fìrinn, a tha a’ teachd a‑mach on Athair, nì esan fianais mum thimcheall‐sa#1 Eòin 5:6.
27Agus nì sibhse fianais mar an ceudna#Gnìo 1:8; 2 Pead 1:16‐18; 1 Eòin 1:1, 2, do bhrìgh gu bheil sibh maille rium o thùs.

Currently Selected:

Eòin 15: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in