YouVersion Logo
Search Icon

Eòin 14

14
1 Thug Crìosd comhfhurtachd da dheisciobail le dòchas fhlaitheanais: 6 dh’innis e gur e e fhèin an t‑slighe, an fhìrinn, agus a’ bheatha, agus gur aon e fhèin agus an t‑Athair: 13 thug e fios dhaibh gum bi an ùrnaighean na ainm‐san èifeachdach.
1Na biodh ur cridhe fo thrioblaid#Eòin 14:27; Isa 43:1, 2: tha sibh a’ creidsinn ann an Dia#14:1 no, creidibh ann an Dia., creidibh annamsa mar an ceudna.
2Ann an taigh m’Athar‐sa tha iomadh àite‐còmhnaidh: mura biodh e mar sin, dh’innsinn‐sa dhuibh. Tha mi a’ dol a dh’ullachadh àite dhuibh#Eabh 6:20; 9:8, 24; Tais 21:2.
3Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rìs#Eabh 9:28, agus gabhaidh mi sibh am ionnsaigh fhèin; a‑chum far a bheil mise, gum bi sibhse mar an ceudna#Eòin 17:24; 1 Tes 4:17.
4Agus is aithne dhuibh càit a bheil mi a’ dol, agus is aithne dhuibh an t‑slighe.
5Thubhairt Tòmas ris, A Thighearna, chan eil fhios againn càit a bheil thu a’ dol; agus cionnas a dh’fhaodas eòlas na slighe a bhith againn?
6Thubhairt Iosa ris, Is mise an t‑slighe#Eph 2:18; Eabh 10:19, 20, agus an fhìrinn#Eòin 1:14, 17, agus a’ bheatha#Eòin 11:25; Col 3:4: cha tig aon neach a‑chum an Athar ach tromhamsa#Eòin 10:9.
7Nam b’aithne dhuibh mise, b’aithne dhuibh m’Athair mar an ceudna: agus à seo suas is aithne dhuibh e, agus chunnaic sibh e.
8Thubhairt Philip ris, A Thighearna foillsich an t‑Athair dhuinne, agus is leòr leinn e.
9Thubhairt Iosa ris, A bheil mise ùine cho fada maille ribh, agus nach aithne dhut fhathast mi, Philip? An tì a chunnaic mise, chunnaic e an t‑Athair#Eòin 12:45; Eabh 1:3: agus cionnas a tha thu ag ràdh, Foillsich an t‑Athair dhuinn?
10Nach eil thu a’ creidsinn gu bheil mise anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa? Na briathran a tha mi a’ labhairt ribh, chan ann uam fhèin a tha mi gan labhairt: ach an t‑Athair, a tha a’ gabhail còmhnaidh annamsa, tha esan a’ dèanamh nan obraichean.
11Creidibh mise gu bheil mi anns an Athair, agus an t‑Athair annamsa; no, creidibh mi airson nan obraichean fhèin.
12Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, an tì a chreideas annam‐sa, na h‑obraichean a tha mise a’ dèanamh, nì esan mar an ceudna#Mat 21:21; agus nì e obraichean as mò na iad seo, do bhrìgh gu bheil mise a’ dol a‑chum m’Athar.
13Agus ge bè nì a dh’iarras sibh am ainm‐sa, nì mise sin#1 Eòin 5:14: a‑chum gum bi an t‑Athair air a ghlòrachadh anns a’ Mhac.
14Ma dh’iarras sibh nì air bith am ainm‐sa, nì mise e.
15Mas toigh leibh mise#Eòin 15:10, 14; 1 Eòin 5:3, coimheadaibh m’àitheantan:
16Agus guidhidh mise an t‑Athair, agus bheir e dhuibh Comhfhurtair eile#Eòin 15:26, a‑chum gum fan e maille ribh gu bràth;
17Spiorad na fìrinn; neach nach urrainn an saoghal a ghabhail#1 Cor 2:14, do bhrìgh nach eil e ga fhaicinn, agus nach aithne dha e: ach is aithne dhuibhse e, oir tha e fantainn maille ribh, agus bidh e annaibh#Ròm 8:9; 1 Eòin 2:27.
18Chan fhàg mi sibh nur dìlleachdain: thig mi dur n‑ionnsaigh#Eòin 14:3, 28; Eòin 16:22.
19Tamall beag fhathast, agus chan fhaic an saoghal mi tuilleadh; ach chì sibhse mi: do bhrìgh gu bheil mise beò, bidh sibhse beò mar an ceudna#Eabh 7:25.
20Anns an là sin bidh fhios agaibh gu bheil mise ann am Athair, agus sibhse annamsa, agus mise annaibh‐se.
21An tì aig a bheil m’àitheantan‐sa, agus a tha gan coimhead#Eòin 14:15, 23, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha.
22Thubhairt Iùdas#Lùc 6:16 (chan e Iscariot) ris, A Thighearna, carson a dh’fhoillsicheas tu thu fhèin dhuinne, agus nach dèan thu sin don t‑saoghal?
23Fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Ma ghràdhaicheas neach mise, coimheadaidh e m’fhacal: agus gràdhaichidh m’Athair esan, agus thig sinn da ionnsaigh#1 Eòin 3:24; Tais 3:20, agus nì sinn còmhnaidh maille ris.
24An tì nach gràdhaich mise, cha choimhead e mo bhriathran: agus am facal a tha sibh a’ cluinntinn, cha leamsa e, ach leis an Athair a chuir uaithe mi.
25Na nithean seo labhair mi ribh, air dhomh a bhith am chòmhnaidh maille ribh:
26Ach an Comhfhurtair#Eòin 14:16, an Spiorad Naomh, a chuireas an t‑Athair uaithe ann am ainm‐sa, teagaisgidh esan dhuibh na h‑uile nithean#Eòin 16:13, agus cuiridh e an cuimhne dhuibh na h‑uile nithean a labhair mise ribh.
27Tha mi a’ fàgail sìthe agaibh#Eph 2:14‐17; Philip 4:7, mo shìth‐sa tha mi a’ toirt dhuibh: chan ann mar a bheir an saoghal a tha mise a’ toirt dhuibh. Na biodh ur cridhe fo thrioblaid, agus na biodh eagal air.
28Chuala sibh mar a thubhairt mi ribh, Tha mi a’ falbh, agus thig mi a‑rìs dur n‑ionnsaigh. Nam biodh gràdh agaibh dhòmhsa, bhiodh aoibhneas oirbh, a chionn gun dubhairt mi, Tha mi a’ dol a‑chum an Athar#Eòin 14:12: oir is mò m’Athair na mise#1 Cor 11:3; 15:27, 28.
29Agus a‑nis dh’innis mi dhuibh seo ro dha teachd gu crìch, a‑chum, nuair a thig e gu crìch, gun creideadh sibh.
30A seo suas cha labhair mi mòran ribh: oir tha uachdaran an t‑saoghail seo a’ teachd#Eòin 16:11; Eph 2:2, agus chan eil nì air bith aige annamsa.
31Ach a‑chum gum bi fhios aig an t‑saoghal gur ionmhainn leam an t‑Athair; agus mar a thug an t‑Athair àithne dhomh, mar sin tha mi a’ dèanamh#Salm 40:8; Philip 2:8. Eiribh, rachamaid à seo#Eòin 18:1.

Currently Selected:

Eòin 14: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in