Philipianaich 3
3
An fhìreantachd cheart
1Airson a' chòrr, a chàirdean, dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna. Chan eil leisg ormsa na h‑aon rudan a sgrìobhadh thugaibh 's a sgrìobh mi roimhe, 's bidh sin sàbhailte dhuibhse.
2Bithibh air ur faiceall ron fheadhainn sin a tha a' dèanamh dhroch rudan, na coin sin a tha a' stialladh a' chuirp. 3Oir 's e sinne an fheadhainn a tha air ar timcheall-ghearradh gu ceart, a chionns gu bheil sinn a' toirt adhradh do Dhia tron Spiorad, 's a' dèanamh uaill ann an Crìosd, gun a bhith a' cur earbsa sam bith nar cuirp. 4Chan e nach fhaodainn fhìn earbsa a bhith agam nam chorp. Ma tha fear sam bith a' smaoineachadh gu bheil adhbhar aige airson sin a dhèanamh, tha adhbhar as motha buileach agamsa. 5#Gniomh 23.6, 26.5; Ròm 11.1Chaidh mo thimcheall-ghearradh air an ochdamh là; rugadh mi nam Israelach, nam bhall de threubh Bheniàmin, 's nam Eabhraidheach dhen fhìor stoc Eabhraidheach. A thaobh an Lagh, 's e Pharasach a bh'annam; 6#Gniomh 8.3, 22.4, 26.9-11a thaobh a bhith eudmhor, 's ann a bha mi a' sàrachadh na h‑eaglais, 's a thaobh na fìreantachd a tha an Lagh ag iarraidh, bha mi gun choire. 7Ach 's ann a tha mi a' meas nan gnothaichean sin a bha buannachdail dhomh mar chall air sgàth Chrìosd. 8Chan e sin a‑mhàin, ach tha mi a' meas a h‑uile nì mar chall airson 's gun coisinn mi an rud as luachmhoire uile-gu‑lèir — 's e sin eòlas air Iosa Crìosd mo Thighearna. Air a sgàth-san, chaill mi a h‑uile rud a bh'agam, agus gu dearbh tha mi a' sealltainn orra mar sgudal. 'S e Crìosd fhèin a' bhuannachd a tha mi ag iarraidh, 9's a bhith buileach air m'aonadh ris. Chan eil mi a‑nise ag iarraidh fìreantachd annam fhìn a tha a rèir an Lagha. 'S ann a tha mi ag iarraidh na fìreantachd a tha ag èirigh o bhith a' creidsinn ann an Crìosd, an fhìreantachd a tha a' tighinn o Dhia fhèin 's a tha stèidhichte air creideamh.
10Chan eil an còrr a dhìth orm ach gum bi eòlas pearsanta agam air Crìosd, 's air a' chumhachd a tha a' tighinn bho a aiseirigh; agus cuideachd gum bi mi a' gabhail pàirt na fhulangas, 's air mo dhèanamh coltach ris na bhàs. 11Mar sin bidh dùil agam, air dhòigh-eigin, gun tig mi gu bhith air mo thogail bho na mairbh.
Aʼ ruith na rèise
12Chan e gu bheil mi fhathast air ruighinn air a seo, no gu bheil mi cheana air mo dhèanamh coileanta. Tha mi a' leantainn orm feuch am faigh mi grèim air a seo, oir 's ann air a shon sin a ghabh Crìosd grèim ormsa. 13A chàirdean, chan eil mi a' meas gu bheil mi air ruighinn air, 's mi nach eil. Chan eil ach aon nì san amharc agam; 's e sin a bhith a' sìor leigeil as m'aire na th'air mo chùlaibh, 's gam shìneadh fhìn air adhart a dh'ionnsaigh na th'air thoiseach. 14Tha mi a' dèanamh air deireadh na rèise, feuch am faigh mi an duais gu bheil Dia gam ghairm, duais na beatha shìorraidh tre Iosa Crìosd. 15Bu chòir dhuinn uile a thàinig gu inbhe sa chreideamh smaoineachadh mar seo, ach ma tha beachd eile agaibh air nì sam bith, nì Dia sin a shoilleireachadh dhuibh cuideachd. 16Co‑dhiù, bu chòir dhuinn a bhith gar giùlan fhìn a rèir na h‑inbhe a ràinig sinn.
17 #
1 Cor 4.16, 11.1 A chàirdean, dèanaibh uile mar a tha mise a' dèanamh. Thoiribh an deagh shùil air an fheadhainn a tha a' caitheamh am beatha a rèir na h‑eisimpleir a tha sinne a' toirt dhuibh. 18Oir thuirt mi ribh iomadh uair roimhe, 's tha mi nise ga ràdh 's mi gul, gu bheil mòran a' caitheamh am beatha mar nàimhdean dhan bhàs a dh'fhuiling Crìosd air a' chrann-cheusaidh. 19'S e crìoch na feadhainn sin gum bi iad air an sgrios, oir 's e iarrtasan an cuirp an dia a th'aca. Tha iad a' dèanamh uaill as na rudan a bu chòir a bhith nan cùis-nàire dhaibh, agus 's ann air nithean talmhaidh a‑mhàin a tha an aire. 20Ach 's ann a bhuineas sinne dhan bhaile nèamhaidh — sin an t‑àite as an tig Slànaighear thugainn, an Tighearna Iosa Crìosd, 's tha sinn a' feitheamh ris gu dùrachdach. 21'S esan a dh'atharraicheas ar cuirp dhìblidh gu bhith coltach ri a chorp glòrmhor fhèin. Nì e seo le bhith a' cleachdadh a' chumhachd leis an dèan e a h‑uile rud a chur fo a smachd.
Currently Selected:
Philipianaich 3: GLD
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017