A chàirdean, chan eil mi a' meas gu bheil mi air ruighinn air, 's mi nach eil. Chan eil ach aon nì san amharc agam; 's e sin a bhith a' sìor leigeil as m'aire na th'air mo chùlaibh, 's gam shìneadh fhìn air adhart a dh'ionnsaigh na th'air thoiseach. Tha mi a' dèanamh air deireadh na rèise, feuch am faigh mi an duais gu bheil Dia gam ghairm, duais na beatha shìorraidh tre Iosa Crìosd.