Philipianaich 2
2
Ioraslachd is mòrachd Chrìosd
1Ma tha ur beatha ann an Crìosd a' toirt misneachd dhuibh, ma tha a ghràdh a' toirt comhfhurtachd dhuibh, ma tha sibh ag obrachadh còmhla anns an Spiorad, agus ma tha coibhneas agus truas agaibh do chàch-a‑chèile, 2tha mi ag iarraidh oirbh gun toir sibh làn thoileachadh dhomh le bhith aonaichte nur n‑inntinn, aonaichte nur gràdh, agus aonaichte nur spiorad agus nur beachdan. 3Na dèanaibh nì sam bith ann am fèinealachd, no air sgàth a bhith mòr, ach, ann an ioraslachd, cuireadh gach aon agaibh am fear eile air thoiseach air fhèin. 4Na biodh sùil agaibh air ur math fhèin a‑mhàin, ach air math dhaoine eile. 5Bithibh dhen aon inntinn ri Iosa Crìosd:
6Bha esan dhen aon ghnè ri Dia,
's ged a bha an aon inbhe aige
cha do shaoil e gum bu chòir dha a cumail.#2.6 No 's a chionns gu robh an aon inbhe aige cha do shaoil e gum feumadh e grèim a dhèanamh oirre.
7Ach chuir e cùl ris gach urram
's ghabh e air fhèin gnè seirbhisich.
Thàinig e dhan t‑saoghal mar dhuine
's a rèir a chruth, 's e duine a bh'ann.
8Dh'ioraslaich e e fhèin, 's bha e cho umhail
's gun d'fhuiling e bàs —
's e sin bàs air crann-ceusaidh!
9Air sàillibh sin, thog Dia e dhan àite as àirde,
's thug e dha an t‑ainm
a tha os cionn gach ainm eile.
10 #
Is 45.23
'S mar sin nuair a chluinneas iad an t‑ainm seo aig Iosa
tuitidh a h‑uile neach air a ghlùinean,
air nèamh 's air thalamh 's a‑measg nam marbh,
11'S cuiridh gach teanga an cèill
gur e Iosa Crìosd an Tighearna,
's bheir seo glòir do Dhia an t‑Athair.
Aʼ deàrrsadh mar sholais
12San aon dòigh, a chàirdean mo ghràidh, bhon a chleachd sibh riamh a bhith umhail, tha e nas fheumaile buileach gun toireadh sibh feairt orm a‑nise 's mi air falbh bhuaibh, dìreach mar a rinn sibh nuair a bha mi còmhla ribh. Leanaibh oirbh a' saothrachadh le eagal agus le urram gus am bi ur slàinte iomlan, 13oir tha Dia an còmhnaidh ag obair annaibh, 's e gur dèanamh deònach gabhail ri a dheagh thoil, agus comasach air a cur an gnìomh. 14Dèanaibh gach nì gun a bhith a' gearan no a' togail buaireadh, 15#Deut 32.5's mar sin bidh sibh gun lochd, gun choire, agus aithnichte mar chlann Dhè, gun smal ann an saoghal a tha làn de dhaoine coirbte, peacach. Bithibh a' deàrrsadh nam measg mar na rionnagan anns na speuran, 16nuair a bhios sibh a' tairgsinn dhaibh facal na beatha. Ma nì sibh sin, bidh adhbhar agam a bhith mòr asaibh air an là a thilleas Crìosd, oir 's e sin a dhearbhas nach robh mo rèis no mo shaothair gun tairbhe.
17Ach mas e 's gu bheil mo bheatha-sa ga dòrtadh a‑mach mar thabhartas air an ìobairt a tha sibhse a' tairgsinn le ur creideamh, tha mise toilichte, 's tha mi a' dèanamh gàirdeachas còmhla ribh uile. 18San aon dòigh, tha còir agaibhse a bhith toilichte, 's gàirdeachas a dhèanamh còmhla riumsa.
Timòteus agus Epaphrodìtus
19Tha làn dòchas agam ann an toil an Tighearna Iosa gun cuir mi Timòteus thugaibh a dh'aithghearr, gus am bi mi fhìn air mo mhisneachadh nuair a gheibh mi naidheachd mur deidhinn. 20Chan eil fear eile agam a tha cho faisg air m'inntinn fhìn, 's air a bheil urad a dh'fhìor chùram mur deidhinn-se. 21'S e an gnothaichean fhèin a tha fainear dhan h‑uile duine eile, 's chan e gnothaichean Chrìosd. 22'S ann agaibh fhèin a tha fhios mar a dhearbh e cho luachmhor 's a tha e, oir shaothraich e còmhla rium, mar mhac còmhla ri athair, air sgàth an Deagh Sgèil. 23Mar sin, tha mi an dùil a chur thugaibh cho luath 's a gheibh mi sealladh air dè a tha a' dol a thachairt dhomh. 24Tha cinnt agam gur e toil an Tighearna gum bi mi fhìn air chomas tighinn thugaibh a dh'aithghearr.
25Tha mi dhen bheachd gum feum mi ar bràthair Epaphrodìtus, a bha ag obair còmhla rium 's a' cathachadh rim thaobh, a chur air ais thugaibh. 26'S e sibh fhèin a chuir thugams' e a dhèanamh seirbhis dhomh nuair a bha mi feumach. Tha mi ga chur air ais thugaibh, oir tha e gur n‑ionndrainn air fad, 's tha dragh air gun cuala sibh gu robh e tinn. 27Gu dearbh, bha e cho tinn 's gun do theab e bàsachadh. Ach rinn Dia tròcair air, agus ormsa cuideachd, oir chùm e bhuam bròn a bharrachd air na bh'agam. 28Mar sin, 's ann as togarraiche a tha mi ga chur thugaibh, gus am bi gàirdeachas oirbh a‑rithist nuair a chì sibh e, agus ma thachras sin, 's ann as lugha a bhios mo chùram fhìn. 29Cuiribh fàilte air, ma tha, le fìor ghàirdeachas mar bhràthair anns an Tighearna. Thoiribh urram do gach neach dha leithid, 30oir thàinig e faisg air a' bhàs air sgàth obair Chrìosd. Chuir e a bheatha an cunnart 's e a' feuchainn ri seirbhis a thoirt dhòmhsa nach robh e nur comas fhèin a thoirt dhomh.
Currently Selected:
Philipianaich 2: GLD
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017