YouVersion Logo
Search Icon

Colosianaich 3

3
1 # Salm 110.1 Mas e 's gun deach ur togail gu beatha còmhla ri Crìosd, bu chòir dhuibh ur cridheachan a shocrachadh air na nithean a tha gu h‑àrd, far a bheil Crìosd na shuidhe aig deaslàimh Dhè. 2Tha còir agaibh cuideachd a bhith a' smaoineachadh air na rudan a tha shuas, 's chan ann air na rudan a tha air thalamh. 3Oir fhuair sibh bàs, agus tha ur beatha air a falach còmhla ri Crìosd ann an Dia. 4'S e Crìosd ur beatha, agus nuair a thèid esan fhoillseachadh a‑rithist, thèid sibhse fhoillseachadh còmhla ris na ghlòir.
5Mar sin cuiribh gu bàs na tograidhean feòlmhor a tha nur nàdar — mì‑mhoraltachd, mì‑bheusachd, drùis, ùidh anns an ole, agus sannt (oir 's e seòrsa de dh'iodhal-adhraidh a th'ann). 6Air sàillibh nan rudan sin, gabhaidh Dia fearg ris an fheadhainn nach toir feairt air. 7Bha àm ann nuair a bha sibh fhèin a' caitheamh ur beatha fo smachd nan dearbh ana-miannan sin. 8Ach a‑nis glanaibh a‑mach as ur beul a h‑uile aon diubh seo: fearg, trod, droch-rùn, toibheum agus drabasdachd. 9#Eph 4.22Na bithibh ag innse nam breug do chàch-a‑chèile, oir chuir sibh dhibh an seann nàdar 's gach cleachdadh a bhuineadh dha, 10#Gen 1.26; Eph 4.24's chuir sibh oirbh an nàdar ùr. 'S e Dia a chruthaich an nàdar seo, agus tha e ga shìor ùrachadh gus am bi e dìreach mar a tha a ìomhaigh fhèin, 's gus am bi sibh làn de dh'fhìor eòlas. 11'S e a' bhuil a th'ann nach eil eadar-dhealachadh sam bith eadar Greugach is Iùdhach, eadar an fheadhainn a chaidh a thimcheall-ghearradh 's an fheadhainn nach deach, no eadhon eadar coigrich, daoine borba, tràillean is daoine saora. 'S e Crìosd a‑mhàin a tha a' cunntadh, agus gabhaidh esan còmhnaidh annta uile.
12 # Eph 4.2 Bhon a bhuineas sibh a‑nis do Dhia, a ghràdhaich sibh 's a chuir sibh air leth dha fhèin, feumaidh sibh a bhith air ur sgeadachadh le co‑fhaireachadh blàth, coibhneas, ioraslachd, caomhalachd agus foighidinn. 13#Eph 4.32Bithibh fad-fhulangach ri càch-a‑chèile ma thogas aon agaibh casaid an aghaidh duine eile, agus thoiribh cuideachd mathanas do chàch-a‑chèile, dìreach mar a thug an Tighearna mathanas dhuibh fhèin. 14A bharrachd air a sin uile, biodh gràdh agaibh dha chèile, oir 's e gràdh am bann a tha a' ceangal gach nì ann an aonachd choileanta. 15'S e an t‑sith a tha Crìosd a' toirt dhuibh as còir a bhith gur stiùireadh nur n‑inntinnean, oir 's e sìth a bh'aig Dia fainear dhuibh nuair a ghairm e sibh còmhla mar aon chuideachd. Agus tha còir agaibh a bhith a' toirt taing dhàsan. 16#Eph 5.19-20Leigibh le facal Chrìosd na làn shaidhbhreas còmhnaidh a dhèanamh annaibh. Bithibh a' teagasg 's ag caralachadh a chèile leis gach seòrsa gliocais; agus seinnibh sailm, laoidhean is dàin spioradail do Dhia le taingealachd nur cridheachan. 17Ge bith dè nì sibh no their sibh, dèanaibh a h‑uile nì ann an ainm an Tighearna Iosa, 's thoiribh taing troimhesan do Dhia an t‑Athair.
Dàimhean anns a' bheatha ùr
18 # Eph 5.22; 1 Pead 3.1 A mhnathan, bithibh umhail dha na fir agaibh, mar as còir dhuibh a bhith is sibh a' creidsinn anns an Tighearna. 19#Eph 5.25; 1 Pead 3.7Fheara, biodh gaol agaibh air ur mnathan, agus na bithibh dona riu.
20 # Eph 6.1 A chlann, thoiribh feairt air ur pàrantan anns gach nì, oir tha seo taitneach a‑measg chreidmheach. 21#Eph 6.4A phàrantan, feuch nach bi sibh ro throm air ur pàisdean air dhòigh 's gun caill iad am misneachd.
22 # Eph 6.5-8 A sheirbhisich, thoiribh ùmhlachd anns gach nì dha na maighistirean a th'agaibh nur n‑obair shaoghalta. Dèanaibh seo daonnan le eagal an Tighearna agus deagh rùn nur cridhe, 's chan ann a‑mhàin nuair a tha sibh fo aire an sùilean, 's a' feuchainn ri daoine a thoileachadh. 23Ge bith dè a tha sibh a' dèanamh, rachaibh an sàs ann le ur n‑uile chridhe, agus dèanaibh e air sgàth an Tighearna 's chan ann air sgàth dhaoine. 24Tha fhios agaibh gur e an Tighearna a bheir dhuibh an duais a chaidh a chur air leth dhuibh. Dèanaibh seirbhis do Chrìosd mar Thighearna. 25#Deut 10.17; Eph 6.9Mar sin, gheibh an duine olc a dhuais a rèir 's mar a rinn e, oir chan eil taobh aig an Tighearna ri duine seach duine.

Currently Selected:

Colosianaich 3: GLD

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in