1
Colosianaich 3:13
Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986
Bithibh fad-fhulangach ri càch-a‑chèile ma thogas aon agaibh casaid an aghaidh duine eile, agus thoiribh cuideachd mathanas do chàch-a‑chèile, dìreach mar a thug an Tighearna mathanas dhuibh fhèin.
Compare
Explore Colosianaich 3:13
2
Colosianaich 3:2
Tha còir agaibh cuideachd a bhith a' smaoineachadh air na rudan a tha shuas, 's chan ann air na rudan a tha air thalamh.
Explore Colosianaich 3:2
3
Colosianaich 3:23
Ge bith dè a tha sibh a' dèanamh, rachaibh an sàs ann le ur n‑uile chridhe, agus dèanaibh e air sgàth an Tighearna 's chan ann air sgàth dhaoine.
Explore Colosianaich 3:23
4
Colosianaich 3:12
Bhon a bhuineas sibh a‑nis do Dhia, a ghràdhaich sibh 's a chuir sibh air leth dha fhèin, feumaidh sibh a bhith air ur sgeadachadh le co‑fhaireachadh blàth, coibhneas, ioraslachd, caomhalachd agus foighidinn.
Explore Colosianaich 3:12
5
Colosianaich 3:16-17
Leigibh le facal Chrìosd na làn shaidhbhreas còmhnaidh a dhèanamh annaibh. Bithibh a' teagasg 's ag caralachadh a chèile leis gach seòrsa gliocais; agus seinnibh sailm, laoidhean is dàin spioradail do Dhia le taingealachd nur cridheachan. Ge bith dè nì sibh no their sibh, dèanaibh a h‑uile nì ann an ainm an Tighearna Iosa, 's thoiribh taing troimhesan do Dhia an t‑Athair.
Explore Colosianaich 3:16-17
6
Colosianaich 3:14
A bharrachd air a sin uile, biodh gràdh agaibh dha chèile, oir 's e gràdh am bann a tha a' ceangal gach nì ann an aonachd choileanta.
Explore Colosianaich 3:14
7
Colosianaich 3:1
Mas e 's gun deach ur togail gu beatha còmhla ri Crìosd, bu chòir dhuibh ur cridheachan a shocrachadh air na nithean a tha gu h‑àrd, far a bheil Crìosd na shuidhe aig deaslàimh Dhè.
Explore Colosianaich 3:1
8
Colosianaich 3:15
'S e an t‑sith a tha Crìosd a' toirt dhuibh as còir a bhith gur stiùireadh nur n‑inntinnean, oir 's e sìth a bh'aig Dia fainear dhuibh nuair a ghairm e sibh còmhla mar aon chuideachd. Agus tha còir agaibh a bhith a' toirt taing dhàsan.
Explore Colosianaich 3:15
9
Colosianaich 3:5
Mar sin cuiribh gu bàs na tograidhean feòlmhor a tha nur nàdar — mì‑mhoraltachd, mì‑bheusachd, drùis, ùidh anns an ole, agus sannt (oir 's e seòrsa de dh'iodhal-adhraidh a th'ann).
Explore Colosianaich 3:5
10
Colosianaich 3:3
Oir fhuair sibh bàs, agus tha ur beatha air a falach còmhla ri Crìosd ann an Dia.
Explore Colosianaich 3:3
11
Colosianaich 3:8
Ach a‑nis glanaibh a‑mach as ur beul a h‑uile aon diubh seo: fearg, trod, droch-rùn, toibheum agus drabasdachd.
Explore Colosianaich 3:8
12
Colosianaich 3:9-10
Na bithibh ag innse nam breug do chàch-a‑chèile, oir chuir sibh dhibh an seann nàdar 's gach cleachdadh a bhuineadh dha, 's chuir sibh oirbh an nàdar ùr. 'S e Dia a chruthaich an nàdar seo, agus tha e ga shìor ùrachadh gus am bi e dìreach mar a tha a ìomhaigh fhèin, 's gus am bi sibh làn de dh'fhìor eòlas.
Explore Colosianaich 3:9-10
13
Colosianaich 3:19
Fheara, biodh gaol agaibh air ur mnathan, agus na bithibh dona riu.
Explore Colosianaich 3:19
14
Colosianaich 3:20
A chlann, thoiribh feairt air ur pàrantan anns gach nì, oir tha seo taitneach a‑measg chreidmheach.
Explore Colosianaich 3:20
15
Colosianaich 3:18
A mhnathan, bithibh umhail dha na fir agaibh, mar as còir dhuibh a bhith is sibh a' creidsinn anns an Tighearna.
Explore Colosianaich 3:18
Home
Bible
Plans
Videos