Colosianaich 3:16-17
Colosianaich 3:16-17 GLD
Leigibh le facal Chrìosd na làn shaidhbhreas còmhnaidh a dhèanamh annaibh. Bithibh a' teagasg 's ag caralachadh a chèile leis gach seòrsa gliocais; agus seinnibh sailm, laoidhean is dàin spioradail do Dhia le taingealachd nur cridheachan. Ge bith dè nì sibh no their sibh, dèanaibh a h‑uile nì ann an ainm an Tighearna Iosa, 's thoiribh taing troimhesan do Dhia an t‑Athair.