Colosianaich 4
4
1 #
Eph 6.9
A mhaighistirean, buinibh ri ur seirbhisich ann an dòigh a tha ceart agus cothromach, agus fhios agaibh gu bheil Maighistir agaibh fhèin ann an nèamh.
Earailean
2Feuch gum bi sibh ag ùrnaigh gu dìcheallach, 's gum bi sibh furachail agus taingeil. 3Bithibh ag ùrnaigh air ar sonne cuideachd, 's iarraibh gum fosgail Dia doras dhuinn a shearmonachadh an fhacail. 'S e am facal sin an diamhaireachd a th'air a foillseachadh ann an Crìosd, agus 's ann air a sgàth a tha mise sa phrìosan. 4Bu mhath leam gun cuirinn an cèill i dìreach mar as còir dhomh. 5#Eph 5.16Bithibh glic nuair a tha sibh a' dèanamh gnothach ris an fheadhainn a tha taobh a‑muigh a' chreidimh, 's cuiribh ur tìm gu deagh bhuil. 6Bruidhnibh riu daonnan le fìor choibhneas. Ma chumas sibh ur seanchas fallain — air a dheagh shailleadh — bidh fhios agaibh ciamar as còir dhuibh freagairt a thoirt do gach duine.
Beannachdan san dealachadh
7 #
Gniomh 20.4; 2 Tim 4.12 #
Eph 6.21-22
Bheir Tichicus dhuibh mo naidheachd-sa gu lèir. 'S e bràthair gràdhach a th'ann, mo cho-sheirbhiseach dìleas a tha an sàs còmhla rium fhìn ann an obair an Tighearna. 8Tha mi ga chur thugaibh a dh'aon ghnothach 's gum bi fios agaibh mur deidhinn-ne, 's gus ur cridheachan a mhisneachadh. 9#Phlm 10-12Tha Onesimus, bràthair dìleas gràdhach a bhuineas dhan àite agaibh fhèin, a' dol còmhla ris. Innsidh iadsan dhuibh a h‑uile nì a tha a' tachairt an seo.
10 #
Gniomh 19.29, 27.2; Phlm 24; Gniomh 12.12, 25, 13.13, 15.37-39 Tha Aristarchus, a tha anns a' phrìosan còmhla rium, agus Marcus, a tha ann an dlùth chàirdeas do Bharnabas, a' cur an deagh dhùrachdan thugaibh. Chaidh iarraidh oirbh cheana fàilte a chur air Marcus ma thig e thugaibh. 11Tha beannachdan a' tighinn thugaibh cuideachd bho Iosua ris an canar Iustus. 'S ann dha na h‑Iùdhaich a bhuineas an triùir aca. 'S iadsan a‑mhàin as an treubh sin a tha ag obair còmhla rium as leth rìoghachd Dhè, is thug iad cuideachadh mòr dhomh. 12#Col 1.7; Phlm 23Tha Epaphras, a bhuineas dhan àite agaibh fhèin 's a tha na sheirbhiseach do dh'Iosa Crìosd, a' cur a bheannachdan thugaibh. Tha e daonnan ag ùrnaigh air ur son le a neart uile, 's e ag iarraidh gun seas sibh gu daingeann sa chreideamh, 's gum bi sibh a' tighinn gu làn ìre agus eòlas cinnteach a thaobh gach nì a rùnaichcas Dia. 13Tha mi fhìn a' togail fianais air cho cruaidh 's a tha e ag obair as ur leth, 's as leth nan creidmheach eile ann an Laodiosèa 's ann an Hierapolis. 14#2 Tim 4.10, 11; Phlm 24Tha an dotair gràdhach, Lùcas, agus Dèmas a' cur bheannachdan thugaibh. 15Thoiribh-se ar beannachdan gu na bràithrean a th'ann an Laodiosèa, gu Nimpha 's an eaglais a tha a' coinneachadh san taigh aice. 16Nuair a leughas sibh an litir seo nur measg fhèin, dèanaibh cinnteach gun tèid a leughadh san eaglais ann an Laodiosèa cuideachd, 's gun leugh sibh fhèin an litir a sgrìobh mi 's a thig thugaibh bho Laodiosèa. 17#Phlm 2Agus canaibh ri Archipus e bhith cinnteach gun cuir e crìoch air an obair a ghabh e os làimh ann an seirbhis an Tighearna.
18'S ann lem làimh fhìn a tha mise, Pòl, a' sgrìobhadh na dùrachd a leanas. Cumaibh air chuimhne gu bheil geimhlean orm. 'S e mo mhiann gum meal sibh gràs Dhè.
Currently Selected:
Colosianaich 4: GLD
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017