Colosianaich 2
2
1Bu mhath leam gum biodh fhios agaibh cho mòr 's a tha an spàirn a tha mi a' dèanamh as ur leth, is cuideachd as leth nan creidmheach ann an Laodiosèa, 's an fheadhainn sin nach fhaca m'aodann riamh. 2'S ann a tha mi ag iarraidh gum bi an cridheachan air am misneachadh, 's gum bi iad air an aonadh ri chèile ann an gràdh. Gheibh iad mar sin tuigse agus gliocas ann an làn phailteas, gus a bhith a' faighinn fìor eòlas air an diamhaireachd a dh'fhoillsich Dia, 's e sin Crìosd. 3'S ann annsan a tha gach beairteas a bhuineas ri gliocas agus ri eòlas air a thasgadh. 4Tha mi ag innse seo dhuibh gus nach dèan duine sam bith ur mealladh le bruidhinn bhreugach. 5Ged a tha mi air falbh uaibh gu corporra, tha mi còmhla ribh nam spiorad, 's tha e a' toirt aoibhneas dhomh a bhith a' faicinn cho rianail 's a tha sibh, 's cho daingeann 's a tha ur creideamh ann an Crìosd.
Lànachd beatha
6Dìreach mar a ghabh sibh ri Iosa Crìosd mar Thighearna, caithibh ur beatha annsan, 7air ur freumhachadh 's air ur togail suas ann, 's air ur daingneachadh anns a' chreideamh dìreach mar a chaidh ur teagasg. Agus bithibh daonnan a' toirt taing do Dhia. 8Feuchaibh nach dèan neach sam bith ur cur an sàs le feallsanachd a tha faoin agus meallta. 'S ann air beachdan dhaoine agus air teagasgan mu nàdar na cruinne a tha seo air a stèidheachadh, agus chan ann idir air Crìosd. 9Ann an Crìosd, na chorp feòla, tha uile lànachd na diadhachd a' còmhnaidh, 10agus chaidh sibhse a lìonadh leis a' bheatha a th'annsan. Tha ceannas aigesan thairis air gach cumhachd agus ùghdarras a th'ann. 11Annsan cuideachd tha sibh air ur timcheall-ghearradh, chan ann leis an timcheall-ghearradh a tha làmh duine a' dèanamh ach le timcheall-ghearradh Chrìosd, a' cur dhibh nàdar a' pheacaidh. 12#Ròm 6.4Nuair a chaidh ur baisteadh bha sibh air ur tiodhlacadh còmhla ri Crìosd, agus dh'èirich sibh cuideachd còmhla ris le bhith a' creidsinn anns a' chumhachd leis an do thog Dia esan bho na mairbh. 13#Eph 2.1-5Bha sibh aig aon àm marbh nur peacaidhean agus dealaichte bho fhìor shluagh Dhè, ach thug Dia beò sibh còmhla ri Crìosd. Thug e mathanas dhuinn nar peacaidhean gu lèir. 14#Eph 2.15Dhubh e mach cunntas nam fìachan a bha nar n‑aghaidh agus nan riaghailtean a bha gar dìteadh, agus chuir e as dha gu h‑iomlan nuair a rinn e a thàirneachadh ris a' chrann-cheusaidh. 15Air a' chrann, rùisg e an smachd bho na cumhachdan 's na h‑ùghdarrais spioradail 's rinn e culaidh-nàire dhiubh gu follaiseach, gan slaodadh as a dhèidh mar phrìosanaich nuair a thug e a‑mach a' bhuaidh. 16#Ròm 14.1-6Mar sin na dèanadh neach sam bith riaghailtean dhuibh a thaobh dè dh'itheas no dh'òlas sibh, mu thimcheall làithean naomha no fèill na gealaich-ùire no shàbaidean. 17Chan eil annta sin uile ach faileas nan nithean a bha ri tighinn: tha am fìor bhrìgh ann an Crìosd. 18Na tugar an car asaibh le neach sam bith a tha a' gabhail tlachd ann an samhla de dh'ioraslachd 's e ag adhradh do dh'ainglean, a' sìor dhèanamh luaidh air na taisbeanaidhean a chunnaic e. Tha an duine sin, gun adhbhar sam bith, air a shèideadh suas le a smuaintean feòlmhor fhèin. 19#Eph 4.16Leig e as a ghrèim air Crìosd, an ceann bho bheil an corp uile, na uilt 's na fhèithean, air a bheathachadh 's air a cheangal ri chèile, 's a' fàs mar a tha Dia fhèin a' toirt fàs dha.
Dòigh-beatha ùr ann an Crìosd
20Ma bhàsaich sibh còmhla ri Crìosd agus ma chuir sibh cùl ri cumhachdan an t‑saoghail, carson, ma tha, a tha sibh beò a rèir dòigh an t‑saoghail 's a' toirt gèill do riaghailtean: 21“Na làimhsich seo, na blais siod, na bean dhan nì ud eile”? 22Tha iad sin uile a' buntainn ri rudan a theirgeas nuair a thatar gan cleachdadh — chan eil annta ach riaghailtean a tha daoine a' teagasg. 23Abair gu bheil coltas gliocais orra, len dian chràbhachd, len ioraslachd mheallta agus len sàrachadh air a' chorp, ach chan eil feum sam bith annta ann a bhith a' toirt thograidhean feòlmhor fo chìs.
Currently Selected:
Colosianaich 2: GLD
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Scottish Bible Society 1986, 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 1986, 2017