YouVersion Logo
Search Icon

Colosianaich 1

1
1Tha mise, Pòl, abstol Iosa Crìosd a rèir toil Dhè, agus Timòteus ar bràthair a' cur na litir seo 2gu na creidmhich ann an Colose agus gu na bràithrean dìleas a tha cur an earbsa ann an Crìosd. Gun robh gràs agus sìth agaibh bho Dhia ar n‑Athair.
Ag ùrnaigh le taingealachd
3Tha sinn a' toirt taing do Dhia, Athair ar Tighearna Iosa Crìosd, a h‑uile uair a tha sinn ag ùrnaigh air ur son. 4'S e as adhbhar dha seo gun cuala sinn mar a tha sibh a' creidsinn ann an Iosa Crìosd, 's mar a tha gràdh agaibh dha na creidmhich gu lèir. 5Tha ur creideamh agus ur gràdh ag èirigh as an dòchas chinnteach a th'agaibh, agus an duais a tha air a gleidheadh dhuibh ann an nèamh. Chuala sibh mu dheidhinn seo an toiseach nuair a thàinig an Soisgeul, naidheachd na fìrinn, dhur n‑ionnsaigh. 6Tha an Soisgeul a' sgaoileadh air feadh an t‑saoghail, 's a' giùlan toradh. 'S e sin dìreach a tha e a' dèanamh nur beatha fhèin riamh bho chuala sibh mu dheidhinn, 's a chuir sibh eòlas ceart air gràs Dhè. 7#Col 4.12; Phlm 23'S e ar co‑sheirbhiseach gràdhach, Epaphras, a tha a' toirt seirbhis dhìleas do Chrìosd as ur leth, a theagaisg seo dhuibh. 8'S esan cuideachd a dh'innis dhuinne mun ghràdh a tha Spiorad Dhè a' dùsgadh annaibh.
9Chan eil sinne, mar sin, a' sgur a dh'ùrnaigh air ur son on chiad là a chuala sinn mur deidhinn. Tha sinn ag iarraidh gum bi sibh air ur lìonadh le fìor eòlas air toil Dhè, 's gum faigh sibh a h‑uile seòrsa gliocais agus breithneachaidh spioradail. 10'S e sin a bheir an comas dhuibh a bhith beò ann an dòigh a chuireas urram air an Tighearna, agus a thoil a dhèanamh anns gach nì. 'S e tha bhuainn gum bi urad a thoradh a' tighinn oirbh 's gun dèan sibh a h‑uile obair mhath 's gum bi sibh fhèin a' fàs ann am fìor eòlas air Dia. 11Chan e a‑mhàin sin, ach tha sinn airson gum bi sibh air ur neartachadh leis gach spionnadh a bhuineas dha chumhachd glòrmhor fhèin. Ma thachras sin, seasaidh sibh gu daingeann 's bidh foighidinn agaibh anns gach nì. 12Bheir sibh cuideachd taing do Dhia gu h‑aoibhneach, a chionns gur esan a thug an comas dhuibh pàirt a bhith agaibh ann an oighreachd nan creidmheach ann an rìoghachd an t‑solais. 13'S esan a chuir saor sinn bho chumhachd an dorchadais agus a thug sinn a‑steach dhan rìoghachd a bhuineas dha Mhac gràdhach. 14#Eph 1.7'S e a Mhac a phàigh prìs ar saorsa 's a choisinn dhuinn mathanas ar peacaidhean.
Obair Chrìosd
15Tha dealbh fìor againn ann an Crìosd air an Dia nach gabh faicinn. Bha esan ann air thoiseach air gach nì, 's tha e os cionn a' chruthachaidh gu lèir. 16'S ann troimhesan a chaidh a h‑uile rud a chruthachadh air nèamh agus air thalamh, na rudan a ghabhas faicinn agus na rudan nach gabh, co‑dhiù 's e th'annta rìoghachdan no cumhachdan, tighearnan no ùghdarrasan. Chaidh a h‑uile nì a chruthachadh troimhesan agus air a shon-san. 17Tha esan air thoiseach air gach nì, agus 's e a tha a' cumail a h‑uile nì ri chèile. 18#Eph 1.22-23'S esan cuideachd an ceann agus 's i an eaglais a chorp. 'S e Crìosd a th'air thoiseach, a' chiad mhac a chaidh a thogail bho na mairbh, gus am biodh an t‑urram a b'àirde aige anns gach nì. 19Tha seo mar a tha e a chionns gum b'e deagh thoil Dhè gum biodh Crìosd air a lìonadh le iomlanachd a nàdair fhèin. 20#Eph 2.16'S e a dheagh thoil a bh'ann cuideachd gun toireadh e sìth gu buil le fuil Chrìosd a dhòrtadh air a' chrann, agus mar sin gun dèanadh e a h‑uile nì rèidh ris fhèin ann an Crìosd, an dà chuid air nèamh agus air thalamh.
21Bha àm ann a bha sibh dealaichte bho Dhia, nur nàimhdean dha nur n‑inntinn agus a' dèanamh rudan ole. 22Ach a‑nis tha e air rèite a dhèanamh ribh tron bhàs a dh'fhuiling Crìosd na chorp daonna, 's e ag iarraidh gun rachadh sibh a‑steach far a bheil e — glan, gun smal agus gun choire. 23Ach feumaidh sibh cumail oirbh anns a' chreideamh 's a bhith nur seasamh gu daingeann air a' bhunait a th'agaibh. Na bithibh air ur gluasad a‑null no a‑nall bhon dòchas mun cuala sibh san t‑Soisgeul. 'S e sin an Soisgeul a chaidh a shearmonachadh air feadh a' chruthachaidh gu lèir, an Soisgeul dhan tàinig mise, Pòl, gu bhith nam sheirbhiseach.
Saothair Phòil as leth na h‑eaglais
24Tha mi a‑nis a' dèanamh gàirdeachas anns na rudan a tha mi a' fulang as ur leth. Cha tàinig crìoch fhathast air àmhghairean Chrìosd, agus le bhith a' fulang mar seo nam chorp fhìn tha mi a' coileanadh cuid dhiubh. 'S ann air sgàth corp Chrìosd a tha mi a' dèanamh seo, agus 's e a chorp an eaglais. 25Chaidh mise a dhèanamh nam sheirbhiseach dhan eaglais, a rèir 's mar a thug Dia obair shònraichte dhomh ri dhèanamh as ur leth. 'S e an obair sin a bhith a' cur facal Dhè an cèill gu soilleir. 26'S e diamhaireachd a th'anns an fhacal sin a chaidh fhalach fad nan linntean 's nan ginealaichean a dh'fhalbh, ach a‑nis tha Dia air a foillseachadh dha shluagh fhèin. 27'S e toil Dhè a bh'ann gum biodh fhios aca cho saidhbhir 's cho glòrmhor 's a tha an nì a chaidh fhoillseachadh a‑measg nan cinneach. 'S e sin gu bheil Crìosd beò annaibh, 's gu bheil seo a' toirt dhuibh dòchas na glòire. 28'S e Crìosd a tha sinne a' searmonachadh, a' toirt rabhadh dha gach neach 's gan teagasg anns a h‑uile nì a tha glic. Tha sinn airson gun tèid againn air gach aon a chur fa chomhair Dhè na dhuine coileanta ann an Crìosd. 29'S ann air a shon seo a tha mise a' saothrachadh 's a' strì, le neart Chrìosd a tha ag obrachadh annam gu cumhachdach.

Currently Selected:

Colosianaich 1: GLD

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in