YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 128

128
1’S beannaicht’ gach aon neach air a bheil
eagal Iehòbhah mhòir;
Is ann an slighibh fìorghlan Dhè
stiùras a cheum air chòir.
2Oir toradh gnìomh do làmhan fhèin,
ithidh tu e gu h-ait:
Beannaichear thu gu mòr mar sin,
’s bidh sonas ort gu pailt.
3Mar fhìonain thairbhich bidh do bhean
’n taobh staigh ded fhàrdaich fhèin;
Do chlann mar òg chroinn-olaidh ùir
timcheall do bhùird gu lèir.
4Feuch, ’s amhlaidh sin a bheannaichear
an neach don eagal Dia.
5A Sion gheibh thu beannachadh,
is sonas pailt on Triath;
Is chì thu math Ierusaleim
rè fad do làith’ gu lèir.
6Seadh, clann do chloinne chì thu fòs,
is sìth air Israèl.

Currently Selected:

Sailm 128: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in