YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 129

129
1Bu tric a chràidh iad mi om òig’,
deir Israel gu truagh:
2Om òige chràidh iad mi gu tric,
gidheadh cha tug iad buaidh.
3’N luchd-treabhaidh threabh iad air mo dhruim,
tharraing iad claisean fad’.
4Ach ’s ceart Iehòbhah, ’s bhriseadh leis
còrdan nan daoi gu grad.
5Air naimhdibh Shioin gu robh nàir’,
’s rachadh air cùl gu luath:
6Mar fheur air mullach taighe tha,
a shearg mun d’fhàs e suas:
7Nì leis nach lìonar glac an fhir
a bhios gu tric a’ buain;
Is leis nach lìonar sgiath an tì,
a bhios ri ceangal sguab.
8Cha mhò their luchd an rathaid riu,
Gu robh oirbh beannachd Dhè;
Tha sinne fòs gar beannachadh,
an ainm Iehòbhah thrèin.

Currently Selected:

Sailm 129: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in