YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 127

127
1Mur tog Iehòbhah fhèin an taigh,
luchd-togail tha iad faoin;
Mur glèidh Iehòbhah ’m baile fòs,
luchd-faire chaill an saoth’r.
2Dhuibh ’s dìomhain bhith ri moch-eirigh,
san oidhch’ ri caithris bhuain,
Bhith ’g ithe arain bròin; mar sin
da sheircin bheir e suain.
3’S e Dia bheir toradh bronn mar dhuais; geur’,
mar oighreachd bheir e clann.
4Bidh mic na h-òig’ mar shaighdibh
’n làimh ghaisgich thrèin gach àm.
5Is sona ’m fear gam bi dhiubh siud
a ghlac ’s a dhòrlach làn;
Gun rudhadh labhraidh iad sa gheat’
rin naimhdibh olc gu dàn.

Currently Selected:

Sailm 127: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in