YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 115

115
1Dhuinne chan ann, a Thriath, chan ann,
ach dod ainm uasal fhèin
Tabhair an cliù ’s a’ ghlòir, air sgàth
do ghràis is d’fhìrinn rèidh.
2Carson a theireadh fineachan,
Càit bheil an Dia a-nis?
3Ar Dia a ta air nèamh, is rinn
gach gnìomh bu toileach leis.
4An iodhail ’s airgead iad is òr,
gnìomh làmhan dhaoine fhèin.
5Tha bèil ac’ leis nach labhair iad;
is sùilean leis nach lèir.
6Tha cluasan ac’, ’s cha chluinn iad leo;
is sròin’, gun fhàile annt’;
7An làmh gun chlì, an cas gun cheum;
an sgòrnan gun smid chainnt’.
8Iadsan a dhealbh ’s a ghèilleas dhaibh,
’s ro-chosmhail iad riu fhèin.
9O Israeil, dèan-sa bun à Dia;
’s e ’n sgiath, ’s an còmhnadh treun.
10Thaigh Aaroin, O dèan bun à Dia;
’s e ’n còmhnadh, is an sgiath.
11Luchd-eagail Dhè, làn-earbaibh as:
an sgiath ’s an neart ’s e Dia.
12Iehòbhah Dia bha cuimhneach oirnn;
beannaichidh e sinn fhèin;
Beannaichear leis taigh Israeil,
’s taigh Aaroin mar an ceudn’.
13Na big ’s na mòir don eagal Dia,
beannaichidh e gu caoin.
14Cuiridh e sibh an lìonmhorachd,
sibh fhèin ’s ur sliochd faraon.
15Is beannaicht’ sibh on Tighearna,
rinn nèamh is làr gu lèir.
16An talamh thug do chloinn nan daoin’;
’s leis fhèin àrd nèamh nan speur.
17Na mairbh, no ’n dream thèid tosdach sìos
don uaigh, cha mhol iad Dia.
18Ach molar leinn e nis, ’s gu bràth.
Molaibh gu h-àrd an Triath.

Currently Selected:

Sailm 115: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in