YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 114

114
1Air teachd do Israel as an Eiph’t,
’s do Iàcob mach on dream
Gan robh an cainnt ro-chruaidh is dorch
aig coimhicheas an teang’;
2Bha Iùdah dha mar chòmhnaidh naomh
bu rìoghachd Israel leis.
3Air faicinn siud ghrad-theich an cuan;
sruth Iòrdain thill air ais.
4Mar reithe bras leum beanntan suas;
leum cnocan beag’ mar uain:
5Iòrdain, carson a thill air d’ais?
carson a theich thu, chuain?
6Carson a leum sibh, shlèibhtean àrd’,
mar reithe meargant’ bras?
Carson, mar uain nan caorach fòs,
a leum sibh, chnocan glas’?
7O thalaimh, criothnaich fòs le geilt,
ro ghnùis Iehòbhah mhòir;
O criothnaich fòs le geilt ro ghnùis
Dhè Iàcoib mar as còir!
8Oir thionndaidh e an ailbhinn theann
gu loch de uisge tàimh,
’S a’ charraig chruaidh gu tobar uisg’,
le cumhachdaibh a làimh’.

Currently Selected:

Sailm 114: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in