YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 113

113
1Molaibh-se Dia, O molaibh e,
òglacha dìleas Dhè;
Ard-mholaibh fòs gu h-urramach
deagh ainm Iehòbhah thrèin.
2Ainm Dhè biodh beannaichte gu mòr,
on àm seo is gu bràth.
3O èirigh gu ruig laighe grèin’,
ainm Dhè ionmholta tha.
4’S àrd thar gach tìr Iehòbhah mòr,
’s a ghlòir thar nèamhan fòs.
5Cò ’s coimeas ris an Tighearna
ar Dia, tha chòmhnaidh shuas?
6’S esan an neach a chromas sìos,
’s a dh’ìslicheas e fhèin,
Dh’amharc gach nì san talamh tha,
’s an nèamhaibh àrd’ nan speur.
7Togaidh e ’n deòradh truagh on dus;
’s am bochd on òtrach bhreun;
8Gan cur nan suidh’ le prionnsaibh àrd’;
le prionnsaibh phobaill fhèin.
9Bheir e don mhnaoi a tha gun sliochd
taigh-còmhnaidh teaghlaich mhòir’,
Gu bhith na màthair aoibhneach mhac.
Molaibh-se Dia na glòir’.

Currently Selected:

Sailm 113: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in