YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 112

112
1O thugaibh moladh mòr do Dhia:
’s beannaicht’ an tì gu beachd
Don eagal Dia, ’s a ghabhas toil
gu mòr da lagh ’s da reachd.
2Bidh shliochd-san làidir anns an tìr,
’s ro-bheannaicht’ sìol nan saoi.
3Bidh maoin is saoibhreas mòr na thaigh,
bidh cheartas buan a-chaoidh.
4Tràth bhitheas saoi an dorchadas,
’n sin èiridh solas dha:
Tha e fìor-ghràsmhor tròcaireach
is cothromach a-ghnàth.
5Is truacant’ fòs, deagh-choingheallach,
an duine math a-chaoidh;
Is bheirear leis gu seòlta glic
a ghnothaichean gu crìch:
6Gu dearbh cha tig aon nì am feasd
len gluaisear e gu mòr;
Ach cuimhn’ is iomradh math a-chaoidh
bidh air an fhìrean chòir.
7Is airsan cha bhi faiteachas,
air cluinntinn dha droch sgèil;
Tha chridhe socrach muinghineach
an Dia Iehòbhah treun.
8Tha chridhe air a shocrachadh,
cha bhi air geilt no fiamh,
Gu ruig an uair am faicear leis
air eascairdibh a mhiann.
9Sgaoil e a chuid, is thug don bhochd,
’s buan fhìreantachd am feasd;
Bidh ’adharc air a h-àrdachadh
le urram mòr gun cheist.
10Cràdhar an daoi, tràth chì e seo;
casaidh e fhiaclan geur’,
Seargaidh e as: is sgriosar miann
nan aingidh ud gu lèir.

Currently Selected:

Sailm 112: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in