YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 116

116
1Is toigh leam Dia, airson gun d’èisd
rim ghuth, ’s rim ùrnaigh fòs.
2A chionn gun d’aom e rium a chluas
sìor èigheam ris rim bheò.
3Chaidh umam dòrainn gheur a’ bhàis,
ghlac piantan ifrinn mi:
Theann-ghlacadh mi le trioblaid thruaigh,
is àmhghar cruaidh dom chlaoidh.
4Air ainm Iehòbhah ghair mi ’n sin,
(mar seo a’ labhairt ris,)
O Dhia mo Thighearn, guidheam ort,
saor m’anam bochd a-nis.
5A ta Iehòbhah gràsmhor, ceart;
’s is tròcaireach ar Dia.
6’S e ghleidheas daoine sìmplidh ciùin’:
lag bha mi, ’s dh’fhòir an Triath.
7O m’ anam, feuch gun till thu nis,
gud shuaimhneas is gud thàmh;
Oir dheònaich Dia gu saoibhir dhut
mòr-thoirbheartas a làimh’.
8O ghàbhadh is o chunnart bàis shaor
thusa m’anam bochd;
Mo chasan shaor o shleamhnachadh,
’s mo shùil o dheuraibh goirt’.
9An sealladh Dhè, an tìr nam beò,
gu dìreach gluaisear leam.
10Do bhrìgh gun chreid mi, labhair mi;
’s mi air mo chlaoidh gu trom.
11Am dheifir thubhairt mi mar seo;
’S breugach gach duin’ air bith.
12Ciod dh’ìocas mi do Dhia, airson
na rinn e dhomh de mhath?
13Cupan na slàinte glacar leam,
air ainm Dhè gaiream fhèin.
14Iocam mo bhòid do Dhia a-nis
an làth’r a shluaigh gu lèir.
15Aig Dia ’s ro-phrìseil bàs a naomh.
16Dhè, d’òglach ’s mi gu beachd;
’S mi d’òglach, mac do bhanoglaich;
mo chuibhreach sgaoileadh leat.
17Bheir mise ìobairt-mholaidh dhut;
air ainm Dhè gaiream fhèin.
18Iocam mo bhòid do Dhia a-nis
an làth’r a shluaigh gu lèir.
19An cùirtibh àlainn àros Dhè,
ad bhuillsgean fhèin gu fìor,
O chathair àrd Ierusaleim,
Molaibh an Triath gu sìor.

Currently Selected:

Sailm 116: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in