YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanaich 3

3
Dìlseachd Dhè
1Dè, mar sin, an t‑sochair a th' aig an Iùdhach? No dè a' bhuannachd a th' anns an timcheall‑ghearradh? 2Mòran sa h‑uile dòigh! An toiseach, chaidh briathran Dhè earbsadh dha na h‑Iùdhaich.
3Dè ma bha cuid dhiubh mì‑dhìleas? An dèan am mì‑dhìlseachd‑san dìlseachd Dhè gun èifeachd? 4Na tachradh e gu bràth! Ach gum biodh Dia fìor, is gach duine na bhreugaire, mar a tha e sgrìobhte:
“Airson 's gum faod thu a bhith air d' fhìreanachadh nad bhriathran,
agus gum buadhaich thu nuair a thèid breith a thoirt ort.”#Salm 51:4
5Ach ma tha ar n‑eucoir‑ne a' moladh fìreantachd Dhè, dè a chanas sinn? Gu bheil Dia eucorach ann a bhith a' leagail corraich oirnn? (Tha mi a' bruidhinn ann an dòigh daonna.) 6Na tachradh e gu bràth! Oir an uair sin ciamar a bheir Dia breith air an t‑saoghal? 7Ach ma tha fìrinn Dhè, tro mo bhreug‑sa, a' cur thairis gu a ghlòir‑san, carson a tha mi fhathast cuideachd air mo dhìteadh mar pheacach? 8Agus chan ann mar a tha iomradh chùl‑chàineach air a dhèanamh mur deidhinn 's mar a tha cuid ag agairt gu bheil sinn ag ràdh – “Dèanamaid olc airson 's gun tig math às?” Tha an dìteadh‑san ceart.
Chan Eil Aon Neach Fìreanta
9Dè, mar sin? A bheil sinne nas fheàrr dheth? Chan eil, chan eil idir. Oir tha sinn air casaid a chur mu thràth gu bheil a h‑uile neach, an dà chuid Iùdhaich is Greugaich, fo pheacadh, 10mar a tha e sgrìobhte:
“Chan eil iad fìreanta, chan eil fiù 's a h‑aon;
11Chan eil neach sam bith a' tuigsinn,
chan eil neach sam bith a' sireadh Dhè.
12Tha a h‑uile neach air tionndadh gu aon taobh;
còmhla tha iad air fàs gun luach;
chan eil neach sam bith ann a tha a' dèanamh maith,
chan eil fiù 's a h‑aon.”#Salm 14:1‑3; 53:1‑3; Ecles. 7:20
13“Is e uaigh fhosgailte a tha nan sgòrnan;
tha iad a' cleachdadh an teangannan airson meallaidh.”#Salm 5:9
“Tha nimh nan nathraichean‑nimhe fom bilean.”#Salm 140:3
14“Tha am beul làn de mhallachadh agus de sheirbhe.”#Salm 10:7 (LXX)
15“Tha an casan luath gus fuil a dhòrtadh;
16tha sgrios agus truaighe nan slighean,
17agus slighe na sìthe cha b' aithne dhaibh.”#Isa. 59:7, 8
18“Chan eil eagal Dhè mu choinneamh an sùilean.”#Salm 36:1
19A‑nis tha fios againn gu bheil ge b' e dè a tha an lagh ag ràdh, gu bheil e ga ràdh riuthasan a tha fon lagh, airson 's gum bi a h‑uile beul air a dhèanamh sàmhach, agus gum bi an saoghal gu lèir cunntachail do Dhia. 20Oir le obraichean an lagha cha bhi feòil sam bith air a fìreanachadh na shealladh‑san, oir is ann tron lagh a tha eòlas a' pheacaidh a' tighinn.
Fìreantachd tro Chreideamh
21Ach a‑nis tha fìreantachd Dhè air a bhith air a foillseachadh air leth bhon lagh, ged a tha an lagh is na fàidhean a' toirt fianais dhi — 22fìreantachd Dhè tro chreideamh ann an Ìosa Crìosd dhaibhsan uile a chreideas. Oir chan eil eadar‑dhealachadh ann, 23oir pheacaich a h‑uile neach agus tha iad air tighinn goirid air glòir Dhè, 24agus tha iad air am fìreanachadh an asgaidh le a ghràs, tron ath‑cheannach a th' ann an Crìosd Ìosa, 25-26a rùnaich Dia mar ìobairt‑rèitich leis an fhuil aige, air a shealbhachadh tro chreideamh. Bha seo airson fìreantachd Dhè fhoillseachadh, a chionn 's na fhad‑fhulangas gun robh e air gabhail seachad air peacaidhean a chaidh an dèanamh roimhe. Bha e airson an fhìreantachd aigesan fhoillseachadh sa cheart àm seo, airson 's gum biodh e cothromach is na fhear‑fhìreanachaidh dhan neach aig a bheil creideamh ann an Ìosa.
27Càite mar sin a bheil bòstadh? Tha e air a dhùnadh a‑mach. Le dè an seòrsa lagha? Le lagh obraichean? Chan ann, ach le lagh a' chreideimh. 28Oir tha sinne a' cumail a‑mach gu bheil duine air fhìreanachadh le creideamh air leth bho obraichean an lagha. 29Oir an e Dia Dia nan Iùdhach a‑mhàin? Nach eil e na Dhia dha na Cinnich cuideachd? Tha, dha na Cinnich cuideachd, 30oir gur e aon a th' ann an Dia, a dh'fhìreanaicheas an timcheall‑ghearradh le creideamh agus an neo‑thimcheall‑ghearradh tro chreideamh. 31A bheil sinn mar sin a' toirt an lagh gu neoni leis a chreideamh seo? Na tachradh e gu bràth! Ach, tha sinn a' cumail suas an lagha.

Currently Selected:

Ròmanaich 3: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy