YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanaich 4

4
Abrahàm air Fhìreanachadh le Creideamh
1Dè, mar sin, a chanas sinn a fhuair Abrahàm, ar sinnsear a rèir na feòla? 2Oir nam b' ann le obraichean a bha Abrahàm air fhìreanachadh, bhiodh bòst aige, ach chan ann a thaobh Dhè. 3Oir dè a tha na Sgriobtaran ag ràdh? “Chreid Abrahàm Dia, agus bha sin air a mheas dha mar fhìreantachd.”#4:3 Gen. 15:6; agus, rann 22 dhen chaibideil seo fhèin cuideachd
4A‑nis dhan fhear a nì obair, chan eil a thuarastal air a chunntadh mar thiodhlaic, ach mar dhlighe. 5Ach dhan fhear nach dèan obair ach a tha ag earbsa san aon a dh'fhìreanaicheas nam mì‑dhiadhaidh, tha a' chreideamh air a chunntadh mar fhìreantachd, 6dìreach mar a tha Daibhidh cuideachd a' bruidhinn mu bheannachadh an fhir dham bheil Dia a' cunntadh fìreantachd às aonais obraichean:
7“Is beannaichte iadsan
a fhuair mathanas airson an obraichean mì‑riaghailteach,
agus aig a bheil am peacaidhean air an còmhdachadh.
8Is beannaichte am fear
nach cunntais an Tighearna a pheacadh na aghaidh.”#Salm 32:1, 2
9A bheil am beannachadh seo, ma‑thà, dhan timcheall‑ghearradh, no cuideachd dhan neo‑thimcheall‑ghearradh? Tha sinne ag ràdh, “Bha creideamh air a chunntadh do dh'Abrahàm mar fhìreantachd.” 10Ciamar mar sin a bha e air a chunntadh dha? Air a thimcheall‑ghearradh no neo‑thimcheall‑gheàrrte? Chan ann ann an timcheall‑ghearradh ach ann an neo‑thimcheall‑ghearradh. 11Agus fhuair e comharra an timcheall‑ghearraidh mar sheula fìreantachd a chreideimh, fhad 's a bha e san neo‑thimcheall‑ghearradh, airson 's gum biodh e na athair dhaibhsan uile a chreid nuair a bha iad san neo‑thimcheall‑ghearradh, airson 's gum biodh fìreantachd air a chunntadh dhaibhsan cuideachd, 12agus airson esan a dhèanamh na athair dhaibhsan a tha dhen timcheall‑ghearradh, nach eil a‑mhàin air an timcheall‑ghearradh, ach a tha cuideachd a' coiseachd ann an ceuman a' chreideimh a bh' aig ar n‑athair Abrahàm mus robh e anns an timcheall‑ghearradh.
13Oir cha b' ann tron lagh a thàinig an gealladh gu Abrahàm agus a shliochd – gum biodh e na oighre dhen t‑saoghal – ach tro fhìreantachd a' chreideimh. 14Oir ma 's iadsan a chumas ris an lagh a tha gu bhith nan oighreachan, tha creideamh na neoni agus an gealladh gun èifeachd. 15Oir tha an lagh a' toirt corraich gu buil, ach far nach eil lagh chan eil briseadh lagha.
16Mar sin tha e o chreideamh, airson 's gum faod an gealladh a bhith air a dhèanamh cinnteach dhan t‑sìol aige gu lèir, a rèir gràis, chan ann a‑mhàin dhaibhsan a tha dhen lagh ach cuideachd dhaibhsan a tha de chreideamh Abrahàim, a tha na athair dhuinn uile, 17mar a tha e sgrìobhte: “Tha mi air do dhèanamh nad athair do mhòran nàiseanan”#Gen. 17:5 – ann an làthaireachd an Dè san do chreid e, a tha a' toirt beatha dha na mairbh agus a' gairm gu bith, na rudan nach eil ann.
18Ann an dòchas chreid e an aghaidh dòchais, gun tigeadh e gus a bhith na athair do mhòran nàiseanan, mar a chaidh innse dha, “Mar seo bidh do shìol.”#Gen. 15:5 19Gun a bhith a' fàs lag ann an creideamh nuair a smaoinich e air a chorp fhèin, a bha cho math ri marbh – on a bha e mu cheud bliadhna a dh'aois – no nuair a smaoinich e mu cho marbh 's a bha broinn Shàra. 20Is cha tug eas‑creideamh sam bith air a bhith fo imcheist a thaobh gealladh Dhè, ach dh'fhàs e làidir na chreideamh, a' toirt glòir do Dhia, 21is làn‑chinnteach gun robh Dia comasach air an rud a gheall e a dhèanamh. 22Is ann airson seo a bha a chreideamh “air a chunntadh dha mar fhìreantachd.” 23Ach cha robh na briathran “air a chunntadh dha” air an sgrìobhadh dhàsan a‑mhàin, 24ach air ar son‑ne cuideachd. Bidh e air a chunntadh dhuinne cuideachd – a tha a' creidsinn annsan a thog Ìosa ar Tighearna suas o na mairbh, 25a bh' air a thoirt thairis airson ar peacaidhean agus a bh' air a thogail airson ar fìreanachaidh.

Currently Selected:

Ròmanaich 4: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy