YouVersion Logo
Search Icon

Ròmanaich 2

2
Breitheanas Fìreanta Dhè
1Mar sin tha thu gun leisgeul, a dhuine, a h‑uile h‑aon agaibh a tha a' toirt breith. Oir ann a bhith a' toirt breith air neach eile tha thu gad dhìteadh fhèin, a chionn 's gu bheil thusa, a tha a' toirt breith, a' dèanamh na h‑aon rudan. 2Ach is aithne dhuinne gu bheil breitheanas Dhè a rèir na fìrinne a' tighinn orrasan a tha a' dèanamh a leithid de rudan. 3A bheil thu a' saoilsinn, a dhuine – thusa a tha a' toirt breith orrasan a tha a' dèanamh a leithid de rudan, 's a dh'aindeoin sin a tha gan dèanamh thu fhèin – gun teich thu o bhreitheanas Dhè? 4No a bheil thu a' gabhail ort fhèin saidhbhreas a' choibhneis 's an fhad‑fhulangais 's an fhoighidinn aige a chur an dìmeas, gun fhios agad gu bheil coibhneas Dhè gad threòrachadh‑sa gu aithreachas?
5Ach air sgàth do chridhe cruaidh is neo‑aithreachail tha thu a' stòradh corraich suas dhut fhèin, air latha corraich is taisbeanadh breitheanais fhìreanta Dhè, 6“a bheir do gach aon a rèir a ghnìomhan”;#Salm 62:12; Gnàth‑fh. 24:12 7dhaibhsan a tha le leanaltas ann an obair mhath a' sireadh glòir is urram is neo‑bhàsmhorachd, bheir e a bheatha shìorraidh; 8ach dhaibhsan a tha a' fèin‑shireadh is eas‑umhail dhan fhìrinn, ach a tha umhail do dh'eucoir, bidh corraich is fearg. 9Bidh trioblaid is àmhghar ann airson a h‑uile h‑anam duine a nì olc, dhan Iùdhach an toiseach agus cuideachd dhan Ghreugach, 10ach glòir is urram is sìth dhan a h‑uile neach a nì math, dhan Iùdhach an toiseach agus cuideachd dhan Ghreugach, 11oir chan eil leth‑bhreith ann le Dia.
12Oir iadsan uile a pheacaich às aonais an lagh thèid an sgrios às aonais an lagh, agus iadsan uile a pheacaich fon lagh, thèid breith a thoirt orra leis an lagh. 13Oir chan iad luchd‑èisteachd an lagha a tha nam fìreanan mu choinneamh Dhè, ach bidh luchd‑dèanamh an lagha air am fìreanachadh. 14Oir nuair a tha Cinnich, aig nach eil an lagh, a thaobh nàdair a' dèanamh nan rudan a tha an lagh ag iarraidh, tha iad nan lagh dhaib' fhèin, ged nach eil an lagh aca. 15Tha iad a' sealltainn gu bheil obair an lagha sgrìobhte air an cridheachan, an cogais cuideachd a' toirt fianais, 's an smuaintean an dara cuid gan casaid no a' gabhail an leisgeil, 16air an latha sin, a rèir mo shoisgeul‑sa, nuair a bheir Dia breith air dìomhaireachdan dhaoine tro Chrìosd Ìosa.
Na h‑Iùdhaich agus an Lagh
17Ach ma tha thu a' gabhail Iùdhach ort fhèin 's a' cur earbsa san lagh 's a' bòstadh ann an Dia, 18agus gun aithne dhut a rùn is gun toir thu aonta dha na rudan as fheàrr, a chionn 's gu bheil thu air do theagasg leis an lagh; 19agus ma tha thu cinnteach gur e neach‑treòrachaidh a th' annad dha na doill, solas dhaibhsan a th' ann an dorchadas, 20neach‑oilean dha na h‑amaidich, neach‑teagaisg do leanabanan, aig a bheil fìor choltas an eòlais is na fìrinn san lagh – 21thusa, mar sin, a tha a' teagasg fheadhainn eile, nach eil thu gad theagasg fhèin? Thusa a shearmonaicheas an aghaidh goid, a bheil thusa a' goid? 22Thusa a tha ag ràdh nach bu chòir do neach adhaltranas a dhèanamh, a bheil thusa ri adhaltranas? Thusa aig a bheil gràin do dh'iodhalan, a bheil thu a' goid à teampaill? 23Thusa a tha a' bòstadh san lagh, tro bhith a' briseadh an lagha, a bheil thu a' toirt eas‑urraim do Dhia? 24Oir, “Tha ainm Dhè a' faighinn toibheim am measg nan Cinneach air ur sgàth‑se,”#Isa. 52:5 (LXX); Esec. 36:22 dìreach mar a tha e sgrìobhte.
25Oir tha timcheall‑ghearradh dha‑rìribh na bhuannachd ma chumas tu an lagh, ach ma bhriseas tu an lagh, tha do thimcheall‑ghearradh a' tighinn gus a bhith na neo‑thimcheall‑ghearradh. 26Mar sin, ma chumas duine a tha neo‑thimcheall‑gheàrrte iarrtasan an lagha, nach bi an neo‑thimcheall‑ghearradh aigesan air a mheas mar thimcheall‑ghearradh? 27Agus dìtidh esan a tha neo‑thimcheall‑gheàrrte gu nàdarra – ach a tha a' cumail an lagha – thusa, a tha, tro litir an lagha 's an timcheall‑ghearradh, a' briseadh an lagha.
28Oir chan e Iùdhach a th' annsan a tha mar sin air an taobh a‑muigh a‑mhàin, cha mhotha a tha timcheall‑ghearradh air an taobh a‑muigh agus corporra. 29Ach is e Iùdhach a th' annsan a tha mar sin air an taobh a‑staigh, agus tha an timcheall‑ghearradh sa chridhe – leis an Spiorad, chan ann leis an litir. Tha a mholadh‑san, chan ann o dhaoine, ach o Dhia.

Currently Selected:

Ròmanaich 2: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy