1
Ròmanaich 2:3-4
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
A bheil thu a' saoilsinn, a dhuine – thusa a tha a' toirt breith orrasan a tha a' dèanamh a leithid de rudan, 's a dh'aindeoin sin a tha gan dèanamh thu fhèin – gun teich thu o bhreitheanas Dhè? No a bheil thu a' gabhail ort fhèin saidhbhreas a' choibhneis 's an fhad‑fhulangais 's an fhoighidinn aige a chur an dìmeas, gun fhios agad gu bheil coibhneas Dhè gad threòrachadh‑sa gu aithreachas?
Compare
Explore Ròmanaich 2:3-4
2
Ròmanaich 2:1
Mar sin tha thu gun leisgeul, a dhuine, a h‑uile h‑aon agaibh a tha a' toirt breith. Oir ann a bhith a' toirt breith air neach eile tha thu gad dhìteadh fhèin, a chionn 's gu bheil thusa, a tha a' toirt breith, a' dèanamh na h‑aon rudan.
Explore Ròmanaich 2:1
3
Ròmanaich 2:11
oir chan eil leth‑bhreith ann le Dia.
Explore Ròmanaich 2:11
4
Ròmanaich 2:13
Oir chan iad luchd‑èisteachd an lagha a tha nam fìreanan mu choinneamh Dhè, ach bidh luchd‑dèanamh an lagha air am fìreanachadh.
Explore Ròmanaich 2:13
5
Ròmanaich 2:6
“a bheir do gach aon a rèir a ghnìomhan”
Explore Ròmanaich 2:6
6
Ròmanaich 2:8
ach dhaibhsan a tha a' fèin‑shireadh is eas‑umhail dhan fhìrinn, ach a tha umhail do dh'eucoir, bidh corraich is fearg.
Explore Ròmanaich 2:8
7
Ròmanaich 2:5
Ach air sgàth do chridhe cruaidh is neo‑aithreachail tha thu a' stòradh corraich suas dhut fhèin, air latha corraich is taisbeanadh breitheanais fhìreanta Dhè
Explore Ròmanaich 2:5
YouVersion uses cookies to personalize your experience. By using our website, you accept our use of cookies as described in our Privacy Policy
Home
Bible
Plans
Videos