YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 14

14
Ìosa aig Taigh Pharasaich
1Agus thachair, nuair a bha Ìosa a' dol chun an taighe aig aon de riaghladairean nam Pharasach air an t‑Sàbaid a dh'ithe arain, gun robh iad a' dèanamh geur‑fhaire air. 2Agus seall, bha duine a bha a' fulang leis a' mheud‑bhronn mu choinneamh. 3Agus fhreagair Ìosa an luchd‑lagha agus na Pharasaich, ag ràdh, “A bheil e ceadaichte leigheas a dhèanamh air latha na Sàbaid no nach eil?” 4Ach dh'fhan iadsan sàmhach. Mar sin, a' gabhail grèim air, leighis e e agus chuir e air falbh e.
5An uair sin thuirt e riuthasan, “Cò agaibhse, ma thuiteas a mhac no a dhamh ann an tobar, nach tarraing a‑mach anns a' bhad e air latha na Sàbaid?” 6Agus cha b' urrainn dhaibh a fhreagairt anns na rudan sin.
7A‑nis dh'innis e cosamhlachd dhaibhsan a fhuair cuireadh, nuair a thug e fa‑near mar a thagh iad na h‑àiteachan urramach aig a' bhòrd, ag ràdh riutha, 8“Nuair a gheibh thu cuireadh o neach sam bith gu banais, na suidh anns an àite urramach, air eagal 's gun d' fhuair duine nas urramaiche na thusa cuireadh uaithe, 9agus gun tig an neach a thug cuireadh dhutsa is dhàsan agus gun can e riut, ‘Thoir an t‑àite agadsa dhan duine seo,’ agus an uair sin gun tòisich thusa, le nàire, air an t‑àite as ìsle a ghabhail. 10Ach nuair a gheibh thusa cuireadh, thalla agus suidh anns an àite as ìsle, airson 's, nuair a thig esan a thug cuireadh dhut, gun can e riut, ‘A charaid, gluais suas nas àirde’; an uair sin gheibh thu urram mu choinneamh na feadhna a tha nan suidhe aig bòrd còmhla riut. 11Oir a h‑uile neach a dh'àrdaicheas e fhèin, thèid ìsleachadh, agus a h‑uile neach a dh'ìslicheas e fhèin, thèid àrdachadh.”
12An uair sin thuirt e ris an duine a thug cuireadh dha, “Nuair a nì thu biadh no dìnnear, na gairm do charaidean, no do bhràithrean, no do luchd‑dàimh, no do choimhearsnaich bheairteach, gun fhios nach toir iadsan cuireadh air ais dhutsa agus mar sin gum bi thu air d' ath‑dhìoladh. 13Ach an uair a nì thu fèist, gairm na bochdan, na ciorramaich, na bacaich, na doill, 14agus bidh thu beannaichte, a chionn 's nach urrainn dhaibh d' ath‑dhìoladh. Oir gheibh thusa d' ath‑dhìoladh ann an aiseirigh nam fìrean.”
Cosamhlachd na Fèiste Mòire
15Nuair a chuala fear dhiubhsan a shuidh còmhla ris na rudan sin, thuirt e ri Ìosa, “Is beannaichte an neach a dh'itheas aran ann an rìoghachd Dhè.”
16Ach thuirt esan ris, “Rinn duine àraidh fèist mhòr agus thug e cuireadh do mhòran. 17Agus chuir e a‑mach a sheirbheiseach aig àm na fèiste airson a ràdh ris an fheadhainn a fhuair cuireadh, ‘Thigibh, oir tha a h‑uile rud a‑nis deiseil.’
18“Ach thòisich iad uile a dh'aon ghuth air an leisgeul a ghabhail. Thuirt a' chiad fhear ris, ‘Cheannaich mi achadh, agus feumaidh mi a dhol a‑mach agus fhaicinn. Tha mi a' guidhe ort, gabh mo leisgeul.’
19“Agus thuirt fear eile, ‘Cheannaich mi còig cuing dhamh, agus tha mi a' dol gan dearbhadh. Tha mi a' guidhe ort, gabh mo leisgeul.’
20“Agus thuirt fear eile, ‘Phòs mi bean agus air sgàth sin chan eil e an comas dhomh tighinn.’
21“Agus nuair a thàinig an seirbheiseach dh'innis e na rudan seo dha mhaighstir. An uair sin dh'fhàs maighstir an taighe feargach agus thuirt e ri a sheirbheiseach, ‘Gabh a‑mach gu luath gu sràidean is caol‑shràidean a' bhaile agus thoir na bochdan is na ciorramaich is na bacaich is na doill a‑steach an seo.’
22“Agus thuirt an seirbheiseach, ‘A Mhaighstir, chaidh dèanamh mar a dh'òrdaich thu, ach tha àite ann fhathast.’
23“Agus thuirt am maighstir ris an t‑seirbheiseach, ‘Gabh a‑mach gus na rathaidean mòra agus na frith‑rathaidean agus co‑èignich daoine gus tighinn a‑steach, airson 's gum bi mo thaigh air a lìonadh. 24Oir tha mi ag ràdh ribh nach fhaigh aon fhear dhen fheadhainn a fhuair cuireadh blas dhen fhèist agamsa.’”
A' Chosgais a Tha an Lùib a Bhith nad Dheisciobal
25Bha sluagh mòr a' siubhal còmhla ri Ìosa, agus a' tionndadh thuca thuirt e, 26“Ma thig neach sam bith thugamsa, agus nach fuathaich e athair fhèin 's a mhàthair, agus a bhean‑phòsta 's a chlann, agus a bhràithrean 's a pheathraichean – seadh agus fiù 's a bheatha fhèin – chan urrainn dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa. 27Ge b' e nach giùlain a chrann‑ceusaidh fhèin agus nach lean mise, chan urrainn dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.
28“Oir cò am fear agaibhse a tha a' miannachadh tùr a thogail nach suidh sìos an toiseach agus nach cunnt a' chosgais gus faicinn a bheil gu leòr aige airson a chrìochnachadh? 29No, às dèidh dha a bhunait a chur sìos is nach eil e an comas a chrìochnachadh, tòisichidh a h‑uile duine a chì e a' magadh air, 30ag ràdh, ‘Thòisich an duine seo air togail agus cha b' urrainn dha crìochnachadh.’
31“No cò an rìgh, a' dol a‑mach a chogadh an aghaidh rìgh eile, nach suidh sìos an toiseach agus nach gabh comhairle, a dh'fhaicinn a bheil e an comas le deich mìle duine coinneachadh ris‑san a tha a' tighinn na aghaidh le fichead mìle duine? 32Agus mura h‑eil, fhad 's a tha am fear eile fhathast fada uaithe, cuiridh e tosgaire a dh'iarraidh chùmhnantan sìthe. 33Anns an aon dòigh, gach neach agaibhse nach trèig a h‑uile rud a th' aige, chan urrainn dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.
34“Tha salann math, ach ma chailleas an salann a bhlas, cò leis a gheibh e a shaillteachd air ais? 35Chan eil e gu feum sam bith dhan talamh no dhan dùn inneir; tha e air a thilgeil a‑mach.
“Esan aig a bheil cluasan airson cluinntinn, cluinneadh e!”

Currently Selected:

Lùcas 14: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in