Lùcas 15
15
Cosamhlachd na Caorach Chaillte
1A‑nis bha na cìs‑mhaoir agus na peacaich uile a' teannadh dlùth ri Ìosa airson èisteachd ris. 2Agus bha na Pharasaich is na sgrìobhaichean a' gearain, ag ràdh, “Tha am fear seo a' cur fàilte air peacaich agus ag ithe còmhla riutha.”
3Dh'innis e a' chosamhlachd seo dhaibh, ag ràdh: 4“Cò am fear agaibhse aig a bheil ceud caora, ma chailleas e aon dhiubh, nach fhàg an naochad 's a naoi anns an fhàsach, agus nach tèid às dèidh na tè a bha air chall, gus am faigh e i? 5Agus nuair a tha e air a lorg, cuiridh e air a ghuailnean i, a' dèanamh gàirdeachais, 6is nuair a thig e dhachaigh, gairmidh e a charaidean is a choimhearsnaich còmhla, ag ràdh riutha, ‘Dèanaibh gàirdeachas còmhla riumsa, a chionn 's gun do lorg mi mo chaora a bha caillte.’ 7Tha mi ag ràdh ribh, san aon dòigh bidh aoibhneas air nèamh airson aon pheacach a nì aithreachas nas motha na airson naochad 's a naoi fìrean aig nach eil feum air aithreachas.”
Cosamhlachd a' Bhuinn Chaillte
8“No cò am boireannach aig a bheil deich buinn airgid#15:8 Gu lit.: “deich drachmathan”, ma chailleas i aon bhonn dhiubh, nach las lampa, agus nach sguab an taigh, is nach sir gu dìcheallach gus am faigh i e? 9Agus nuair a tha i air a lorg, gairmidh i a banacharaidean 's a bana‑choimhearsnaich, ag ràdh, ‘Dèanaibh gàirdeachas còmhla riumsa, oir lorg mi am bonn a chaill mi.’ 10San aon dòigh, tha mi ag ràdh ribh gu bheil gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacach a nì aithreachas.”
Cosamhlachd a' Mhic Caillte
11Is thuirt Ìosa, “Bha duine àraidh ann aig an robh dithis mhac. 12Thuirt am mac a b' òige dhiubh ri athair, ‘Athair, thoir dhòmhsa an roinn dhed mhaoin a thig thugam.’ Agus roinn e eatarra a sheilbh.
13“Beagan làithean às dèidh sin, chruinnich am mac a b' òige a chuid gu lèir, agus chaidh e air turas do dhùthaich fhad' às agus an sin chaith e a mhaoin air beatha stròdhail. 14Agus nuair a bha e air a h‑uile rud a chaitheamh, dh'èirich gort ro mhòr anns an dùthaich sin, agus thòisich e air a bhith ann an dìth. 15Agus chaidh e is cheangail e e fhèin ri aon de shaoranaich na dùthcha sin a chuir dha na h‑achaidhean aige e, a bhiathadh mhuc. 16Agus bha e a' miannachadh a làn ithe dhe na rùsgan a bha na mucan ag ithe, ach cha tug duine sìon dha.
17“Nuair a thàinig e thuige fhèin, thuirt e, ‘Cia mheud de luchd‑tuarastail m' athar‑sa aig a bheil barrachd air gu leòr arain, ach seo mise a' bàsachadh leis an acras? 18Èiridh mi agus thèid mi gum athair, agus canaidh mi ris: “Athair, pheacaich mi an aghaidh nèimh, agus mud choinneamh‑sa. 19Chan eil mi airidh tuilleadh air gun deigheadh do mhac‑sa a ghabhail orm; dèan mar aon dhed luchd‑tuarastail mi.”’ 20Mar sin dh'èirich e agus chaidh e gu athair.
“Ach fhad 's a bha e fhathast fad' air falbh, chunnaic athair e agus ghabh e truas ris, agus ruith e, agus a' cur a ghàirdeanan timcheall air amhaich, phòg e e.
21“Thuirt am mac ris, ‘Athair, pheacaich mi an aghaidh nèimh agus mud choinneamh‑sa, agus chan eil mi airidh tuilleadh air gun deigheadh do mhac a ghabhail orm.’
22“Ach thuirt an t‑athair ri a sheirbheisich, ‘Dèanaibh cabhag! Thugaibh a‑mach a' chulaidh as fheàrr, agus cuiribh air i. Cuiribh fàinne air a làimh agus cuarain air a chasan. 23Agus thugaibh an seo an laogh reamhraichte is marbhaibh e. Itheamaid agus bitheamaid subhach. 24Oir bha mo mhac seo marbh, agus tha e beò a‑rithist; bha e caillte agus chaidh a lorg.’ Agus thòisich iad air a bhith subhach.
25“A‑nis bha am mac a bu shine aige a‑muigh anns an achadh, agus fhad 's a thàinig e 's a theann e faisg air an taigh, chuala e ceòl agus dannsa. 26Agus ghairm e thuige aon dhe na seirbheisich agus dh'fhaighnich e dè a bu chiall dha na rudan sin. 27Agus thuirt esan ris, ‘Thill do bhràthair agus mharbh d' athair an laogh reamhraichte a chionn 's gun d' fhuair e air ais slàn sàbhailte e.’
28“Ach dh'fhàs esan feargach agus cha robh e deònach a dhol a‑steach. Thàinig athair a‑mach agus ghuidh e air. 29Ach fhreagair e athair, ‘Seall, na h‑uiread seo de bhliadhnaichean tha mise air seirbheis a dhèanamh dhut, agus cha robh mi eas‑umhail riamh dhad àithne, ach a dh'aindeoin sin cha tug thu riamh gobhar òg dhomh, airson 's gum bithinn subhach còmhla rim charaidean. 30Ach nuair a thàinig do mhac seo, am fear a chaith do sheilbh còmhla ri siùrsaichean, mharbh thu an laogh reamhraichte dha!’
31“Agus thuirt e ris, ‘A mhic, tha thusa an‑còmhnaidh còmhla rium, agus a h‑uile sìon as leamsa, is leatsa e. 32Bha e iomchaidh a bhith subhach agus aoibhneach, oir bha do bhràthair seo marbh, agus tha e beò; bha e caillte, agus chaidh fhaighinn.’”
Currently Selected:
Lùcas 15: ATN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024