1
Lùcas 14:26
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
“Ma thig neach sam bith thugamsa, agus nach fuathaich e athair fhèin 's a mhàthair, agus a bhean‑phòsta 's a chlann, agus a bhràithrean 's a pheathraichean – seadh agus fiù 's a bheatha fhèin – chan urrainn dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.
Compare
Explore Lùcas 14:26
2
Lùcas 14:27
Ge b' e nach giùlain a chrann‑ceusaidh fhèin agus nach lean mise, chan urrainn dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.
Explore Lùcas 14:27
3
Lùcas 14:11
Oir a h‑uile neach a dh'àrdaicheas e fhèin, thèid ìsleachadh, agus a h‑uile neach a dh'ìslicheas e fhèin, thèid àrdachadh.”
Explore Lùcas 14:11
4
Lùcas 14:33
Anns an aon dòigh, gach neach agaibhse nach trèig a h‑uile rud a th' aige, chan urrainn dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.
Explore Lùcas 14:33
5
Lùcas 14:28-30
“Oir cò am fear agaibhse a tha a' miannachadh tùr a thogail nach suidh sìos an toiseach agus nach cunnt a' chosgais gus faicinn a bheil gu leòr aige airson a chrìochnachadh? No, às dèidh dha a bhunait a chur sìos is nach eil e an comas a chrìochnachadh, tòisichidh a h‑uile duine a chì e a' magadh air, ag ràdh, ‘Thòisich an duine seo air togail agus cha b' urrainn dha crìochnachadh.’
Explore Lùcas 14:28-30
6
Lùcas 14:13-14
Ach an uair a nì thu fèist, gairm na bochdan, na ciorramaich, na bacaich, na doill, agus bidh thu beannaichte, a chionn 's nach urrainn dhaibh d' ath‑dhìoladh. Oir gheibh thusa d' ath‑dhìoladh ann an aiseirigh nam fìrean.”
Explore Lùcas 14:13-14
7
Lùcas 14:34-35
“Tha salann math, ach ma chailleas an salann a bhlas, cò leis a gheibh e a shaillteachd air ais? Chan eil e gu feum sam bith dhan talamh no dhan dùn inneir; tha e air a thilgeil a‑mach. “Esan aig a bheil cluasan airson cluinntinn, cluinneadh e!”
Explore Lùcas 14:34-35
Home
Bible
Plans
Videos