YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 11

11
Ìosa a' Teagasg mu Ùrnaigh
1A‑nis bha Ìosa ag ùrnaigh ann an àite sònraichte, agus nuair a sguir e, thuirt aon dhe a dheisciobail ris, “A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh mar a theagaisg Eòin dha a dheisciobail fhèin.”
2Thuirt e riutha, “Nuair a nì sibh ùrnaigh, canaibh:
‘Athair,
Gun naomhaichear d' ainm,
Thigeadh do rìoghachd.
3Thoir dhuinn gach latha ar n‑aran làitheil,
4agus math dhuinn ar peacaidhean,
oir tha sinne cuideachd a' mathadh dha gach neach a th' ann am fiachan rinne.
Agus na leig ann am buaireadh sinn.’”
5Agus thuirt e riutha, “Cò agaibhse aig a bheil caraid, is a thèid thuige aig meadhan‑oidhche, agus a chanas ris, ‘A charaid, thoir dhomh trì lofaichean air iasad, 6oir tha caraid dhomh air tighinn thugam air turas, agus chan eil sìon agam a chuireas mi ma choinneamh.’
7“Agus freagraidh esan on taobh a‑staigh, ‘Na cuir dragh orm; tha an doras a‑nis dùinte, agus tha mo leanabanan còmhla rium anns an leabaidh. Chan urrainn dhomh èirigh is rudeigin a thoirt dhut.’ 8Tha mi ag innse dhuibh, ged nach èirich e agus nach toir e rudeigin dha a chionn 's gur e a charaid a th' ann, a dh'aindeoin sin air sgàth a leantalachd‑san èiridh e agus bheir e dha ge b' e dè a tha a dhìth air.
9“Agus tha mise ag ràdh ribh: iarraibh agus thèid a thoirt dhuibh; siribh agus gheibh sibh; buailibh an doras agus thèid fhosgladh dhuibh. 10Oir a h‑uile neach a dh'iarras, thèid a thoirt dha; agus an neach a shireas, gheibh e; agus dhan neach a bhuaileas, bidh e air fhosgladh.
11“Cò an t‑athair nur measg‑se, ma dh'iarras a mhac iasg, an àite an èisg a bheir nathair dha? 12No, ma dh'iarras e ugh, a bheir sgorpion dha? 13Mar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc ciamar a bheir sibh tiodhlacan matha dhur cloinn, nach mòr nas motha na sin a bheir an t‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh'iarras airsan!”
Ìosa agus Beelsebul
14A‑nis bha Ìosa a' tilgeil a‑mach deamhain a bha balbh. Agus nuair a bha an deamhan air a dhol a‑mach, bhruidhinn am balbhan, agus ghabh an sluagh iongnadh. 15Ach thuirt cuid dhiubh, “Is ann tro chumhachd Bheelsebul, ceannard nan deamhan, a tha e a' tilgeil a‑mach dheamhan.” 16Agus, airson a dhearbhadh, bha feadhainn eile ag iarraidh comharra o nèamh air.
17Ach le fios a bhith aige air an smuaintean, thuirt e riutha, “Gach rìoghachd a th' air a roinn na h‑aghaidh fhèin, thèid a fàgail na fàsach, agus gach taigh a th' air a roinn na aghaidh fhèin, tuitidh e. 18Ma tha Sàtan cuideachd air a roinn na aghaidh fhèin, ciamar a sheasas a rìoghachd? Oir tha sibhse ag ràdh gu bheil mise, tro Bheelsebul, a' tilgeil a‑mach dheamhan. 19Agus mas ann tro Bheelsebul a tha mise a' tilgeil a‑mach dheamhan, cò e tro bheil ur clann‑se gan tilgeil a‑mach? Mar sin bidh iadsan nam britheamhan oirbh. 20Ach mas ann le meur Dhè a tha mise a' tilgeil a‑mach dheamhan, mar sin tha rìoghachd Dhè air tighinn oirbhse.
21“Nuair a gheàrdas duine làidir, a tha gu h‑iomlan fo airm, a dhachaigh fhèin, tha a chuid sàbhailte. 22Ach nuair a thig neach nas treasa na e is a bheir e ionnsaigh air agus a gheibh e buaidh air, bheir e air falbh an armachd aige gu lèir anns an robh a dhòchas is roinnidh e a' chreach.
23“Ge b' e nach eil leamsa, tha e nam aghaidh, agus ge b' e nach cruinnich còmhla rium, tha e a' sgaoileadh.
24“Nuair a tha an spiorad neòghlan air a dhol a‑mach à duine, thèid e tro àiteachan gun uisge a' sireadh fois, agus chan fhaigh e i. Canaidh e, ‘Tillidh mi dham thaigh às an tàinig mi.’ 25Agus nuair a thig e, gheibh e air a sguabadh e, 's air a chur an òrdugh. 26An uair sin falbhaidh e agus bheir e leis seachd spioradan eile nas uilce na e fhèin, is thèid iad a‑steach agus fanaidh iad an sin, agus bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid.”
27Fhad 's a bha e ag ràdh nan rudan seo, thog boireannach am measg an t‑sluaigh a guth agus thuirt i ris, “Is beannaichte a' bhroinn a rinn do ghiùlain, agus na cìochan aig an do dheothail thu.”
28Ach fhreagair esan, “Air a chaochladh, is beannaichte iadsan a tha ag èisteachd ri facal Dhè agus a chumas e.”
Comharra Iònah
29Nuair a bha an sluagh a' dol am meud, thòisich e air a ràdh, “Is e droch ghinealach a tha an seo. Tha iad a' sireadh comharra, agus cha tèid comharra a thoirt dhaibh ach comharra Iònah. 30Oir mar a thàinig Iònah gu bhith na chomharra do mhuinntir Ninebheh, is ann mar sin cuideachd a bhios Mac an Duine dhan ghinealach seo. 31Èiridh banrigh na h‑àird a deas anns a' bhreitheanas còmhla ri muinntir a' ghinealaich seo, agus dìtidh i iad, oir thàinig i o chrìochan na talmhainn a chluinntinn gliocas Sholaimh, agus, seall, tha nas motha na Solamh an seo. 32Èiridh muinntir Ninebheh anns a' bhreitheanas còmhla ris a' ghinealach seo, agus dìtidh iadsan iad, oir rinn iadsan aithreachas aig searmon Iònah, agus, seall, tha nas motha na Iònah an seo.”
Lampa a' Chuirp
33“Chan eil neach sam bith, às dèidh dha lampa a lasadh, ga cur ann an àite falaichte no fo chuinneig ach air an lampair, airson 's gum faic an fheadhainn a thig a‑steach an solas. 34Is i do shùil solas do chuirp. Nuair a tha do shùil fallain, tha do chorp gu lèir làn solais. Ach nuair a tha i olc, tha do chorp cuideachd làn dorchadais. 35Thoir an aire, mar sin, nach bi an solas a th' annad na dhorchadas. 36Mar sin, ma tha do chorp gu lèir làn solais, gun phàirt sam bith dorcha, bidh e gu lèir soillseach, mar nuair a tha lampa a' toirt soillse dhut le a deàlradh.”
Sia ‘Is Mairgean’
37Nuair a bha Ìosa air bruidhinn, dh'iarr Pharasach airsan dìnnear a ghabhail còmhla ris; mar sin chaidh e a‑steach agus shuidh e aig a' bhòrd. 38Ach ghabh am Pharasach iongnadh nuair a chunnaic e nach do nigh e e fhèin ron dinneir.
39An uair sin thuirt an Tighearna ris, “A‑nis, sibhse, Pharasacha, glanaidh sibh taobh a‑muigh a' chupa agus na mèise, ach air an taobh a‑staigh tha sibh làn sannt is aingidheachd. 40Amadana! Nach do rinn esan a rinn an taobh a‑muigh an taobh a‑staigh cuideachd? 41Ach thugaibh mar dhèirce na rudan sin a tha air an taobh a‑staigh agus seall, bidh a h‑uile rud glan dhuibh.
42“Is mairg dhuibhse, Pharasacha, a chionn 's gu bheil sibh a' toirt an deicheamh de mhionnt agus de rù agus dhe gach luibh agus a' dèanamh dearmaid air ceartas agus gràdh Dhè. Ach bu chòir dhuibh a bhith air iad seo a dhèanamh, gun iad siud fhàgail gun an dèanamh.
43“Is mairg dhuibhse, Pharasacha, a chionn 's gur gràdh leibh na prìomh shuidheachain sna sionagogan agus a bhith a' faighinn fàilte sna h‑ionadan‑margaidh.
44“Is mairg dhuibhse, oir tha sibh mar uaighean nach eil air an comharrachadh, agus tha daoine a' coiseachd thairis orra gun fhiosta.”
45Fhreagair aon dhen luchd‑lagha e, “Fhir‑Teagaisg, le bhith a' cantainn nan rudan seo tha thu a' dèanamh tàir oirnne cuideachd.”
46Agus thuirt e, “Is mairg dhuibhse cuideachd, a luchd‑lagha, a chionn 's gu bheil sibh a' cur eallaichean troma a tha doirbh an giùlain air daoine, agus cha bhean sib' fhèin ri na h‑eallaichean le aon dhe ur meuran.
47“Is mairg dhuibhse, oir tha sibh a' togail thuaman nam fàidhean agus is iad ur n‑athraichean fhèin a mharbh iad. 48Mar sin tha sibh a' toirt fianais gu bheil sibh ag aontachadh le gnìomhan ur n‑athraichean, oir mharbh iadsan iad, agus tha sibhse a' togail an tuaman. 49Air sgàth sin thuirt gliocas Dhè, ‘Cuiridh mise fàidhean agus abstoil thuca, agus cuid dhiubh marbhaidh is geur‑leanaidh iad.’ 50Mar sin dh'fhaodadh fuil nam fàidhean a chaidh a dhòrtadh o thoiseach an t‑saoghail a bhith air a cur orra mar chasaid, 51o fhuil Abeil gu fuil Shechariah, a chaidh a sgrios eadar an altair agus an t‑ionad‑naomh. Seadh, tha mi ag ràdh ribh gum bi i air a h‑iarraidh air a' ghinealach seo.
52“Is mairg dhuibhse, a luchd‑lagha, oir tha sibh air iuchair an eòlais a thoirt air falbh. Cha deach sib' fhèin a‑steach agus bhac sibh an fheadhainn a bha a' dol a‑steach.”
53Fhad 's a bha e a' fàgail an àite sin, thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air ionnsaigh fhiadhaich a thoirt air agus air a phiobrachadh le ceistean mu mhòran rudan, 54a' dèanamh innleachd airson a ghlacadh ann an rudeigin a dh'fhaodadh e a ràdh.

Currently Selected:

Lùcas 11: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in