YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 10

10
Ìosa a' Cur a‑mach an t‑Seachdad is Dithis
1Às dèidh seo shuidhich an Tighearna seachdad [is dithis#10:1 Tha cuid dhe na làmh‑sgrìobhainnean a' fàgail seo às.] neach eile agus chuir e iad air thoiseach air, dithis is dithis, dha gach baile is àite a bha e fhèin gus a dhol thuige. 2Thuirt e riutha, “Gu dearbh tha am fogharadh mòr, ach tha an luchd‑obrach gann. Guidhibh, mar sin, gun cuir Tighearna an fhogharaidh luchd‑obrach a‑mach dhan fhogharadh aige fhèin. 3Thallaibh! Seall, tha mise gur cur a‑mach mar uain am measg mhadaidhean‑allaidh. 4Na giùlainibh sporan, no poca, no cuarain, agus na cuiribh fàilte air neach sam bith air an t‑slighe.
5“Ge b' e taigh dhan tèid sibh a‑steach, canaibh an toiseach, ‘Sìth dhan taigh seo!’ 6Agus ma bhios mac sìthe an sin, nì ur sìth tàmh air. Ach mura bi, tillidh ur sìth air ais thugaibh. 7Fanaibh san taigh sin, ag ithe 's ag òl nan rudan a thèid a thoirt dhuibh, oir is airidh am fear‑obrach air a thuarastal. Na bithibh a' falbh o thaigh gu taigh.
8“Ge b' e baile dhan tèid sibh a‑steach is gun gabh iad ribh, ithibh na th' air a chur mur coinneamh. 9Leighisibh an fheadhainn a tha tinn ann, agus canaibh riutha, ‘Tha rìoghachd Dhè air tighinn faisg oirbh.’ 10Ach ge b' e baile dhan tèid sibh a‑steach is nach gabh iad ribh, thallaibh a‑mach air a shràidean ag ràdh, 11‘Fiù 's dust ur baile a leanas ri ar casan tha sinn a' suathadh dhinn nur n‑aghaidh‑se. A dh'aindeoin sin, biodh fios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè air tighinn faisg oirbh.’ 12Tha mise ag innse dhuibh gum bi e nas fhasa do Shodom fulang san latha ud na dhan bhaile sin.
13“Is mairg dhut, a Chorasin! Is mairg dhut, a Bhetsaida! Oir nan robh na h‑obraichean cumhachdach a bh' air an dèanamh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus is ann an Sìdon, is fhada on a bhiodh iad air aithreachas a dhèanamh, nan suidhe ann an saic‑aodach 's ann an luaithre. 14Ach bidh e nas fhasa do Thìrus is do Shìdon fulang anns a' bhreitheanas na bhios e dhuibhse. 15Agus thusa, a Chapernàum, am bi thu air do thogail suas a nèamh? Bidh thu air do thoirt sìos a dh'Ifrinn!
16“An neach a dh'èisteas ribhse, èistidh e riumsa; an neach a dhiùltas sibhse, diùltaidh e mise; agus an neach a dhiùltas mise, tha e a' diùltadh an Aoin a chuir a‑mach mi.”
17Thill an seachdad [is dithis#10:17 Tha cuid dhe na làmh‑sgrìobhainnean a' fàgail seo às.] le aoibhneas, ag ràdh, “A Thighearna, tha fiù 's na deamhain fo smachd againne trod ainm‑sa.”
18Thuirt e riutha, “Chunnaic mi Sàtan a' tuiteam mar dhealanach o nèamh. 19Tha mi a' toirt cumhachd dhuibh airson saltairt air nathraichean is sgorpionan is air cumhachd an nàmhaid gu lèir, agus cha dèan nì sam bith cron idir oirbh. 20A dh'aindeoin sin, na dèanaibh gàirdeachas a chionn 's gu bheil na spioradan fo ur smachd, ach dèanaibh gàirdeachas a chionn 's gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte ann an nèamh.”
21Aig an àm sin fhèin rinn Ìosa gàirdeachas anns an Spiorad Naomh, agus thuirt e, “Tha mi a' toirt taing dhut, O Athair, a Thighearna nèimh is na talmhainn, gun do dh'fhalaich thu na rudan sin o dhaoine glic is tuigseach, agus gun do dh'fhoillsich thu iad do leanabanan. Seadh, Athair, oir b' e a leithid sin do rùn gràsmhor‑sa.
22“Chaidh a h‑uile rud a thoirt dhòmhsa lem Athair, agus chan aithne do neach sam bith cò e am Mac ach an t‑Athair; cha mhotha as aithne do neach sam bith cò e an t‑Athair ach am Mac agus neach sam bith dhan toigh leis a' Mhac fhoillseachadh.”
23An uair sin, a' tionndadh gu a dheisciobail gu h‑uaigneach, thuirt e, “Is beannaichte na sùilean a chì na rudan a tha sibhse a' faicinn. 24Oir tha mi ag innse dhuibh gum b' iomadh fàidh is rìgh a mhiannaich na rudan fhaicinn a tha sibhse a' faicinn ach nach fhaca iad, agus na rudan a chluinntinn a tha sibhse a' cluinntinn ach nach cuala iad.”
Cosamhlachd an t‑Samaritanaich Chòir
25Agus seall, sheas fear‑lagha suas airson a dhearbhadh, ag ràdh, “Fhir‑Teagaisg, dè a nì mi airson 's gun sealbhaich mi a' bheatha shìorraidh?”
26Thuirt e ris, “Dè a tha sgrìobhte san lagh? Ciamar a tha thu ga leughadh?”
27Agus fhreagair e, “‘Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe agus led uile anam agus led uile neart agus led uile inntinn,’ agus ‘do choimhearsnach mar thu fhèin.’#Deut. 6:5; Lebh. 19:18
28Agus thuirt e ris, “Fhreagair thu gu ceart; dèan thusa seo agus bidh thu beò.#Lebh. 18:5
29Ach bha esan ag iarraidh e fhèin fhìreanachadh, agus thuirt e ri Ìosa, “Agus cò e mo choimhearsnach?”
30Fhreagair Ìosa, “Bha duine a' dol sìos o Ierusalem gu Iericho, agus thuit e am measg mhèirleach. Rùisg is lot iad e agus rinn iad às, ga fhàgail leth‑mharbh. 31Thachair gun robh sagart a' dol sìos an rathad sin, agus nuair a chunnaic e e, ghabh e seachad air an taobh eile. 32Mar sin cuideachd Lèbhitheach: nuair a thàinig e chun an àite is a chunnaic e e, ghabh e seachad air an taobh eile. 33Ach fhad 's a bha Samaritanach air a thuras, thàinig e far an robh e, agus nuair a chunnaic e e, ghabh e truas ris. 34Chaidh e thuige agus cheangail e suas a lotan, a' dòrtadh ola agus fìon annta. An uair sin chuir e air a bheathach fhèin e, agus thug e gu taigh‑òsta e, agus ghabh e a chùram. 35Agus an làrna‑mhàireach thug e a‑mach dà bhonn airgid#10:35 Gu lit.: “dà dhenarius” agus thug e dhan òstair iad, ag ràdh, ‘Gabh a chùram, agus ge b' e dè a bharrachd a chaitheas tu, dìolaidh mi dhut e nuair a thilleas mi air ais.’
36“Cò dhen triùir seo a shaoileas tu a bu choimhearsnach dhàsan a thuit am measg nam mèirleach?”
37Fhreagair esan, “An neach a rinn tròcair air.”
Thuirt Ìosa ris, “Thalla thusa, agus dèan san aon dòigh.”
Aig Dachaigh Marta is Màiri
38Fhad 's a lean iad orra air an t‑slighe aca, chaidh Ìosa a‑steach do bhaile, far an do chuir boireannach dham b' ainm Marta fàilte air a‑steach dha taigh fhèin. 39Agus bha piuthar aice air an robh an t‑ainm Màiri, a shuidh aig casan Ìosa is a dh'èist ri fhacal. 40Ach bha aire Mharta air a tarraing air falbh le mòran frithealaidh. Thàinig i thuige agus thuirt i, “A Thighearna, nach eil dragh idir agad gun do dh'fhàg mo phiuthar mise nam aonar a' frithealadh? Can rithe mo chuideachadh!”
41Ach fhreagair an Tighearna i, “A Mharta, a Mharta, tha thusa iomagaineach agus draghail mu mhòran rudan, 42ach tha aon rud feumail. Tha Màiri air a' chuid mhath a thaghadh, agus cha bhi i air a toirt air falbh uaipe.”

Currently Selected:

Lùcas 10: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in