YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 9

9
Ìosa a' Cur a‑mach an Dà Fhear Dheug
1Ghairm Ìosa còmhla an dà fhear dheug agus thug e cumhachd is ùghdarras dhaibh thairis air a h‑uile deamhan agus airson tinneasan a leigheas, 2is chuir e a‑mach iad a shearmonachadh rìoghachd Dhè, agus a shlànachadh euslainteach. 3Thuirt e riutha, “Na toiribh dad leibh airson na slighe – bata, no baga, no aran, no airgead, agus na biodh dà lèine‑fhada agaibh. 4Agus ge b' e dè an taigh dhan tèid sibh a‑steach, fanaibh an sin, agus às a sin falbhaibh. 5Agus iadsan uile nach gabh ribh, nuair a dh'fhàgas sibh am baile sin, crathaibh an dust o ur casan mar fhianais nan aghaidh.” 6Agus dh'fhalbh iad is chaidh iad tro na bailtean, a' searmonachadh an deagh sgeòil agus a' leigheas anns gach àite.
7A‑nis chuala Herod an tetrarc mun a h‑uile rud a bha a' tachairt. Agus bha e fo dhragh mòr, a chionn 's gun deach a ràdh le cuid gun robh Eòin air a bhith air a thogail o na mairbh, 8agus le cuid gun robh Eliah air nochdadh, agus le cuid eile gun robh aon dhe na fàidhean o shean air èirigh. 9Ach thuirt Herod, “Thug mise an ceann far Eòin, ach cò am fear seo mu bheil mi a' cluinntinn a leithid seo de rudan?” Agus bha e ag iarraidh esan fhaicinn.
Ìosa a' Biathadh nan Còig Mìle
10Agus nuair a thill na h‑abstoil, dh'innis iad dha na bha iad air a dhèanamh. Thug e leis iad agus chaidh e air leth dhan bhaile ris an canar Betsaida. 11Nuair a thuig an sluagh mu dheidhinn, lean iad e. Chuir e fàilte orra agus bhruidhinn e riutha mu rìoghachd Dhè agus leighis e iadsan aig an robh feum air leigheas.
12Ach bha an latha a' tighinn gu crìch, is thàinig an dà fhear dheug agus thuirt iad ris, “Cuir an sluagh air falbh airson 's gun tèid iad dha na bailtean mun cuairt, gus am faigh iad aoigheachd agus biadh, oir tha sinn an seo ann an àite fàsail.”
13Ach thuirt esan riutha, “Thugaibhse dhaibh rudeigin a dh'itheas iad.”
Thuirt iadsan, “Chan eil barrachd againn air còig lofaichean agus dà iasg – mura tèid sinn is gun ceannaich sinn biadh airson an t‑sluaigh seo gu lèir.” 14Oir bha iad mu chòig mìle fear ann.
An uair sin thuirt e ri a dheisciobail, “Thoiribh orra suidhe sìos ann am buidhnean de chaogadan.” 15Rinn iad mar sin; thug iad orra uile suidhe sìos. 16Agus a' gabhail nan còig lofaichean agus an dà iasg, sheall e suas gu nèamh, bheannaich e 's bhris e iad, agus thug e iad dha na deisciobail airson an cur mu choinneamh an t‑sluaigh. 17Dh'ith iad uile agus bha iad air an sàsachadh. Agus chaidh na bha a chòrr a chruinneachadh, dà bhasgaid dheug de chriomagan.
Aidmheil Pheadair de Chrìosd
18Thachair, nuair a bha e ag ùrnaigh air leth 's a dheisciobail còmhla ris, gun do dh'fhaighnich e dhaibh, “Cò a tha an sluagh ag ràdh a th' annam?”
19Fhreagair iadsan, “Eòin Baistidh, ach tha cuid ag ràdh Eliah, agus cuid eile gu bheil aon dhe na fàidhean o shean air èirigh a‑rithist.”
20Thuirt esan riutha, “Ach cò a tha sibhse ag ràdh a th' annam?”
Agus fhreagair Peadar, “Crìosd Dhè.”
Ìosa ag Innse Ro‑Làimh ma Bhàs Fhèin
21Thug e rabhadh teann is àithne dhaibh gun seo innse do neach sam bith. 22Thuirt e, “Feumaidh Mac an Duine mòran fhulang 's a bhith air a dhiùltadh le na h‑èildearan, na h‑àrd‑shagartan is na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs agus air a thogail suas air an treas latha.”
23Agus thuirt e ris na h‑uile, “Mas e toil neach sam bith tighinn às mo dhèidh‑sa, àicheadh e e fhèin, is togadh e suas a chrann‑ceusaidh gach latha agus leanadh e mise. 24Oir ge b' e leis am bu toigh l' a bheatha a shàbhaladh, caillidh e i, ach ge b' e cò a chailleas a bheatha air mo shon‑sa, sàbhailidh esan i. 25Oir dè a' bhuannachd a th' ann do dhuine, ged a choisinneas e an saoghal gu lèir, ma bhios e fhèin air a sgrios no air a chall? 26Oir ge b' e a ghabhas nàire mum dheidhinn‑sa agus m' fhaclan, bidh Mac an Duine a' gabhail nàire dhethsan nuair a thig e na ghlòir fhèin agus ann an glòir an Athar 's nan ainglean naomha. 27Ach tha mise ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil cuid dhiubhsan nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè.”
An Cruth‑Atharrachadh
28Mu ochd latha às dèidh nam faclan seo, thug e leis Peadar is Eòin is Seumas suas a' bheinn a dhèanamh ùrnaigh. 29Agus fhad 's a bha e ag ùrnaigh, chaidh coltas aghaidh atharrachadh, agus dh'fhàs an t‑aodach aige geal mar bhoillsgeadh dealanaich. 30Agus seall, bha dithis fhear a' còmhradh ris: b' iad sin Maois agus Eliah, 31a nochd ann an glòir agus a bhruidhinn ma bhàs a bha esan a' dol a choileanadh ann an Ierusalem. 32Bha Peadar agus a chompanaich fo thruimead cadail, ach nuair a bha iad air làn‑dhùsgadh, chunnaic iad a ghlòir agus an dithis fhear a bha nan seasamh còmhla ris. 33Dìreach nuair a bha na fir a' dealachadh ris, thuirt Peadar ri Ìosa, “A Mhaighstir, tha e math gu bheil sinne an seo. Dèanamaid trì pàilleanan – aon dhutsa agus aon do Mhaois agus aon do dh'Eliah,” (gun tuigse aige air dè a bha e ag ràdh).
34Fhad 's a bha e a' bruidhinn, thàinig sgòth agus chuir i sgàil orra, agus bha an t‑eagal orra fhad 's a bha iad a' dol a‑steach dhan sgòth. 35Agus thàinig guth às an sgòth, ag ràdh, “Is e seo mo Mhac taghte‑sa; èistibh ris!” 36Nuair a bha an guth air bruidhinn, chaidh Ìosa a lorg na aonar. Dh'fhan iadsan sàmhach agus cha do dh'innis iad do neach sam bith anns na làithean sin aon rud mu na bha iad air fhaicinn.
Ìosa a' Leigheas Balaich aig an Robh Deamhan
37Air an ath latha, nuair a thàinig iad a‑nuas on bheinn, choinnich sluagh mòr ris. 38Agus, seall, dh'èigh duine dhen t‑sluagh a‑mach, “Fhir‑Teagaisg, tha mi a' guidhe ort sealltainn air mo mhac, oir is e m' aon duine cloinne a th' ann. 39Agus, seall, bidh spiorad a' breith air agus anns a' bhad tha e ag èigheach, agus ga chrathadh na h‑uimhir is gum bi cop a' tighinn ma bheul. Is gann gu bheil e ga fhàgail idir, agus tha e ga phronnadh. 40Agus ghuidh mi air do dheisciobail a thilgeil a‑mach, ach cha robh e an comas dhaibh.”
41Fhreagair Ìosa, “O, a ghinealaich eas‑creidmheich agus fhiair, dè cho fada 's a bhios mi còmhla ribh 's gur fulang? Thoir do mhac an seo.”
42Fhad 's a bha e a' tighinn air adhart, thilg an deamhan sìos e, agus chrath e e. Ach chronaich Ìosa an spiorad neòghlan, agus leighis e an leanabh agus thug e air ais dha athair e. 43Agus bha iad uile fo mhòr‑iongnadh mu mhòrachd Dhè.
Ìosa ag Innse Ro‑Làimh mu Bhàs Fhèin an Dara h‑Uair
Fhad 's a bha iad uile a' gabhail iongnadh mun a h‑uile rud a bha Ìosa a' dèanamh, thuirt e ri a dheisciobail:
44“Taisgibh nur cluasan na faclan seo: tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine.” 45Ach cha do thuig iadsan an abairt seo agus bha i air a falach uapa, airson 's nach tuigeadh iad i. Agus bha eagal orra faighneachd dha mun abairt seo.
Cò a Bu Mhotha a Bhitheadh
46Dh'èirich argamaid eatarra mu dheidhinn cò aca a bu mhotha a bhitheadh. 47Ach, eòlach air smuaintean an cridhe, ghabh Ìosa leanabh agus chuir e ri thaobh fhèin e. 48An uair sin thuirt e riutha, “Ge b' e a ghabhas ris an leanabh seo nam ainm‑sa, tha e a' gabhail riumsa; agus ge b' e a ghabhas riumsa, tha e a' gabhail ris an Aon a chuir a‑mach mi. Oir an neach as lugha a bhios nur measg‑se uile, bidh esan mòr.”
49Fhreagair Eòin, “A Mhaighstir, chunnaic sinne duine a' tilgeil a‑mach dheamhan nad ainm‑sa, agus dh'fheuch sinn ri bacadh a chur air, a chionn 's nach eil e gar leantainn‑ne.”
50Ach thuirt Ìosa ris, “Na cuiribh bacadh air, oir ge b' e nach eil nur n‑aghaidh, tha e air ur son.”
Cur an aghaidh nan Samaritanach
51Nuair a dhlùthaich na làithean dhàsan a bhith air a ghabhail suas, shuidhich e aghaidh gus a dhol gu Ierusalem. 52Agus chuir e teachdairean air thoiseach air, is dh'fhalbh iad agus chaidh iad a‑steach do bhaile leis na Samaritanaich, airson ullachadh a dhèanamh dhàsan. 53Ach cha do ghabh iadsan ris, a chionn 's gun robh aghaidh suidhichte air a dhol gu Ierusalem. 54Nuair a chunnaic a dheisciobail Seumas is Eòin seo, thuirt iad, “A Thighearna, am bu toigh leat gun gairmeamaid air teine a thighinn a‑nuas o nèamh airson an sgrios?” 55Ach thionndaidh esan agus chronaich e iad: [“Chan eil fhios agaibh dè an gnè spioraid dhe bheil sibh, 56oir cha tàinig Mac an Duine a sgrios bheathannan dhaoine ach airson an sàbhaladh.”#9:55b‑56 Chan eil na faclan seo anns na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe.] Agus chaidh iad gu baile eile.
A' Chosgais ann a Bhith a' Leantainn Ìosa
57Fhad 's a bha iad a' coiseachd air adhart air an t‑slighe, thuirt cuideigin ris, “Leanaidh mise thu ge b' e càit an tèid thu.”
58Thuirt Ìosa ris, “Tha tuill aig na sionnaich agus neadan aig eòin an adhair, ach chan eil àite aig Mac an Duine far an leag e a cheann.”
59Ri duine eile thuirt e, “Lean mise,”
ach thuirt esan, “A Thighearna, an toiseach leig leam a dhol airson m' athair adhlacadh.”
60Ach thuirt Ìosa ris, “Leig le na mairbh am mairbh fhèin adhlacadh, ach thalla thusa agus cuir an cèill rìoghachd Dhè.”
61Agus thuirt neach eile, “Leanaidh mise thu, a Thighearna, ach leig leam an toiseach soraidh slàn fhàgail acasan a th' aig mo dhachaigh.”
62Ach thuirt Ìosa ris, “Chan eil neach sam bith a chuireas a làmh ris a' chrann‑treabhaidh, agus a sheallas às a dhèidh, iomchaidh airson rìoghachd Dhè.”

Currently Selected:

Lùcas 9: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in