1
Lùcas 11:13
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
Mar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc ciamar a bheir sibh tiodhlacan matha dhur cloinn, nach mòr nas motha na sin a bheir an t‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh'iarras airsan!”
Compare
Explore Lùcas 11:13
2
Lùcas 11:9
“Agus tha mise ag ràdh ribh: iarraibh agus thèid a thoirt dhuibh; siribh agus gheibh sibh; buailibh an doras agus thèid fhosgladh dhuibh.
Explore Lùcas 11:9
3
Lùcas 11:10
Oir a h‑uile neach a dh'iarras, thèid a thoirt dha; agus an neach a shireas, gheibh e; agus dhan neach a bhuaileas, bidh e air fhosgladh.
Explore Lùcas 11:10
4
Lùcas 11:2
Thuirt e riutha, “Nuair a nì sibh ùrnaigh, canaibh: ‘Athair, Gun naomhaichear d' ainm, Thigeadh do rìoghachd.
Explore Lùcas 11:2
5
Lùcas 11:4
agus math dhuinn ar peacaidhean, oir tha sinne cuideachd a' mathadh dha gach neach a th' ann am fiachan rinne. Agus na leig ann am buaireadh sinn.’”
Explore Lùcas 11:4
6
Lùcas 11:3
Thoir dhuinn gach latha ar n‑aran làitheil
Explore Lùcas 11:3
7
Lùcas 11:34
Is i do shùil solas do chuirp. Nuair a tha do shùil fallain, tha do chorp gu lèir làn solais. Ach nuair a tha i olc, tha do chorp cuideachd làn dorchadais.
Explore Lùcas 11:34
8
Lùcas 11:33
“Chan eil neach sam bith, às dèidh dha lampa a lasadh, ga cur ann an àite falaichte no fo chuinneig ach air an lampair, airson 's gum faic an fheadhainn a thig a‑steach an solas.
Explore Lùcas 11:33
Home
Bible
Plans
Videos