1
Lùcas 12:40
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
Feumaidh sibhse cuideachd a bhith deiseil, oir tha Mac an Duine a' tighinn aig uair nach sùilich sibh.
Compare
Explore Lùcas 12:40
2
Lùcas 12:31
An àite sin siribh‑se a rìoghachd‑san agus bidh na rudan seo air an cuir ribh.
Explore Lùcas 12:31
3
Lùcas 12:15
An uair sin thuirt e ris, “Thoiribh an aire, agus gleidhibh sib' fhèin an aghaidh a h‑uile seòrsa sannt, oir chan ann ann am pailteas a sheilbh a tha beatha neach sam bith.”
Explore Lùcas 12:15
4
Lùcas 12:34
Oir far a bheil ur n‑ionmhas, an sin bidh ur cridhe cuideachd.
Explore Lùcas 12:34
5
Lùcas 12:25
Agus cò agaibh tro bhith fo chùram as urrainn barrachd ùine a chur ri a bheatha?
Explore Lùcas 12:25
6
Lùcas 12:22
Agus thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Mar sin, tha mise ag ràdh ribh, na bithibh fo chùram mur beatha, dè a dh'itheas sibh, no mur cuirp, dè a chuireas sibh oirbh.
Explore Lùcas 12:22
7
Lùcas 12:7
Dha‑rìribh tha eadhon fuilteanan ur cinn uile air an àireamh. Na biodh eagal oirbh: tha sibhse nas luachmhoire na mòran ghealbhonn.
Explore Lùcas 12:7
8
Lùcas 12:32
“Na biodh eagal oirbh, a threud bhig, oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh.
Explore Lùcas 12:32
9
Lùcas 12:24
Smaoinichibh mu na fithich: chan eil iadsan a' cur no a' buain, chan eil taigh‑stòir no sabhal aca; agus fhathast tha Dia gam beathachadh. Nach eil sibhse tòrr mòr nas luachmhoire na na h‑eòin!
Explore Lùcas 12:24
10
Lùcas 12:29
Agus na siribh dè a tha sibh a' dol a dh'ithe, agus dè a tha sibh a' dol a dh'òl, agus na bithibh fo chùram.
Explore Lùcas 12:29
11
Lùcas 12:28
Ma tha Dia mar sin a' sgeadachadh an fheòir, a tha beò anns an achadh an‑diugh, agus a‑màireach air th' air a thilgeil dhan àmhainn, nach mòr nas motha a sgeadaicheas e sibhse, O dhaoine air bheag creideimh?
Explore Lùcas 12:28
12
Lùcas 12:2
Chan eil rud sam bith air a chòmhdach nach bi air fhoillseachadh, no falaichte nach tèid a dhèanamh aithnichte.
Explore Lùcas 12:2
Home
Bible
Plans
Videos