YouVersion Logo
Search Icon

Salm 150

150
1Molaibh-se an Tighearna. Molaibh Dia na ionad naomh; molaibh e ann an speuran a chumhachd.
2Molaibh e airson a ghnìomharan treuna; molaibh e a rèir àird a mhòrachd.
3Molaibh e le fuaim trompaid; molaibh e le saltair agus le clàrsaich.
4Molaibh e le tiompan agus dannsa; molaibh e le innealan-ciùil nan teud agus le organ.
5Molaibh e le ciombalan fonnmhor; molaibh e le ciombalan àrd-fhuaimneach.
6Moladh gach nì anns a bheil anail an Tighearna. Molaibh-se an Tighearna.

Currently Selected:

Salm 150: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Salm 150