YouVersion Logo
Search Icon

Salm 149

149
1Molaibh-se an Tighearna. Seinnibh don Tighearna òran nuadh, seinnibh a mholadh ann an coitheanal nan naomh.
2Biodh Israel aoibhneach na Chruithear; dèanadh clann Shioin gàirdeachas nan Rìgh.
3Moladh iad a ainm anns an dannsa; le tiompan agus le clàrsaich seinneadh iad dha.
4Oir gabhaidh an Tighearna tlachd na shluagh; nì e na daoine sèimhe sgiamhach le slàinte.
5Dèanadh na naoimh gàirdeachas ann an glòir; dèanadh iad iolach air an leapaichean.
6Biodh àrd-chliù Dhè nam beul, agus claidheamh dà fhaobhair nan làimh,
7A‑chum dìoghaltas a dhèanamh air na cinnich, smachdachadh goirt air na slòigh;
8A‑chum an rìghrean a cheangal le slabhraidhean, agus an àrd-uaislean le geimhlean iarainn;
9A‑chum am breitheanas a tha sgrìobhte a chur an gnìomh orra; tha an t‑urram seo aig a naoimh uile. Molaibh-se an Tighearna.

Currently Selected:

Salm 149: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Salm 149