Salm 14
14
Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh.
1Thubhairt an t‑amadan na chridhe, Chan eil Dia ann. Tha iad truaillidh; rinn iad obraichean gràineil; chan eil neach ann a nì math.
2Dh’amhairc an Tighearna a‑nuas o nèamh air cloinn nan daoine, a dh’fheuchainn an robh neach ann a bha glic, a bha ag iarraidh Dhè.
3Chlaon iad uile; tha iad gu lèir air fàs salach; chan eil neach ann a nì math, chan eil eadhon aon.
4Nach eil eòlas acasan uile a tha a’ dèanamh na h‑eucoir, a tha ag ithe suas mo shluaigh mar a dh’itheadh iad aran, agus nach gairm air an Tighearna?
5An sin ghabh iad eagal mòr, a chionn gu bheil Dia ann an ginealach nam fìrean.
6Nàraich iad comhairle an duine bhochd, a chionn gur e an Tighearna a thèarmann.
7O gun tigeadh slàinte Israeil a‑mach à Sion! Nuair a bheir an Tighearna air ais braighdeanas a shluaigh, nì Iàcob gàirdeachas, nì Israel aoibhneas.
Currently Selected:
Salm 14: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017