Salm 15
15
1A Thighearna, cò a dh’fhanas ann ad phàillean? Cò a chòmhnaicheas air do shliabh naomh?
2Esan a ghluaiseas gu h‑ionraic, agus a nì ceartas, agus a labhras an fhìrinn na chridhe;
3Nach dèan cùl-chàineadh le a theangaidh, nach dèan olc da charaid, agus nach tog droch sgeul air a choimhearsnach;
4Leis an suarach an droch dhuine, ach a bheir urram dhaibhsan air am bi eagal an Tighearna; a mhionnaicheas a‑chum a challdaich fhèin, agus nach caochail;
5Nach cuir a airgead a‑mach air ocar, agus nach gabh duais an aghaidh an neochiontaich. Esan a nì na nithean sin, cha ghluaisear gu bràth e.
Currently Selected:
Salm 15: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017