1
Salm 14:1
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Thubhairt an t‑amadan na chridhe, Chan eil Dia ann. Tha iad truaillidh; rinn iad obraichean gràineil; chan eil neach ann a nì math.
Compare
Explore Salm 14:1
2
Salm 14:2
Dh’amhairc an Tighearna a‑nuas o nèamh air cloinn nan daoine, a dh’fheuchainn an robh neach ann a bha glic, a bha ag iarraidh Dhè.
Explore Salm 14:2
3
Salm 14:3
Chlaon iad uile; tha iad gu lèir air fàs salach; chan eil neach ann a nì math, chan eil eadhon aon.
Explore Salm 14:3
Home
Bible
Plans
Videos