Salm 126
126
Laoidh nan ceum.
1Nuair a thug an Tighearna air ais braighdeanas Shioin, bha sinn mar dhaoine a chunnaic aisling.
2An sin lìonadh ar beul le gàire agus ar teanga le luathghaire; an sin thubhairt iad am measg nan cinneach, Rinn an Tighearna nithean mòra air an son.
3Rinn an Tighearna nithean mòra air ar son-ne; bha sinn aoibhneach.
4Till a‑rìs, a Thighearna, ar braighdeanas, mar shruthan anns an àird a deas.
5Iadsan a chuireas sìol le deòir, buainidh iad le gàirdeachas.
6Esan a thèid a‑mach agus a ghuileas, ag iomchar rogha sìl, gu cinnteach thig e a‑rìs le gàirdeachas, ag iomchar a sguab.
Currently Selected:
Salm 126: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017