Salm 125
125
Laoidh nan ceum.
1Bidh iadsan a dh’earbas as an Tighearna mar shliabh Shioin, nach caraichear, ach a mhaireas gu sìorraidh.
2Mar a tha na beanntan mu thimcheall Ierusaleim, mar sin tha an Tighearna mu thimcheall a shluaigh, on àm seo agus gu bràth.
3Oir cha ghabh slat nan daoi tàmh air crannchur nam fìrean, air eagal gun sìneadh na fìreanan an làmhan a‑chum euceirt.
4Dèan math, a Thighearna, dhaibh-san a tha math, agus dhaibhsan a tha ionraic nan cridhe.
5Ach iadsan a thèid a thaobh dan slighean claona, iomainidh an Tighearna a‑mach le luchd-dèanamh an uilc. Sìth gu robh air Israel!
Currently Selected:
Salm 125: ABG1992
Highlight
Share
Copy

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017